Jacobus Henricus van't Hoff

From Wikipedia, the free encyclopedia

Jacobus Henricus van't Hoff
Remove ads

B' e Jacobus Henricus van't Hoff (30 an Lùnasdal 1852 - 1 am Màrt 1911) creag-eòlaiche, ceimigear, fiosaigiche agus fàs-bheartach Duidseach agus buannaiche dhan a' chiad Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1901.[1] Chuidich e anns an stèidheachadh de na modhan aig ceimigeach fiosaigeach mar a tha fios againn air an diugh. Tha e cuideachd air a smaoineachadh air mar aon de na ceimigearan is ann an eachdraidh còmhla ri Antoine Lavoisier, Louis Pasteur agus Friedrich Wöhler.

Quick Facts 't Hoff, Beatha ...
Remove ads

Beatha tràth

Rugadh e ann an Rotterdam ri dotair. Bho aois òg bha ùidhe aige ann an saidheans agus cuideachd ann am bàrdachd agus bha an Tighearna Byron na ìomhaigh aige. An aghaidh miann athair chaidh e a sgrùdadh ceimigeachd aig Ionad Polytechnical Delft, Oilthigh Leiden, Oilthigh Bhonn anns a' Ghearmailt agus an uairsin Paris agus mu dheireadh fhuair e an ollamhachd aige aig Oilthigh Utrecht ann an 1874. Ann an 1878 phòs e Johanna Francina Mees agus bha dithis nighean aca, Johanna Francina (r. 1880) is Aleida (r. 1882), agus dithis mhac, Jacobus Henricus (r. 1883) agus Govert Jacob (r. 1889).

Remove ads

Buannaiche dhan a' chiad Duais Nobel ann an Ceimigeachd

Thoisich e a bhith na neach-labhairt ann an ceimigeachd agus nàdar-fheallsanachd aig Colaisde Lighiche-Bheataichean ann an Utrecht. Bha e na phroifeasair aig ceimigeachd, geòlas agus mèinn-eòlas ann an Amsterdam airson 18 bliadhna agus aig a' cheann thall ghabh e an àird an ceann-suidheachadh den roinn ceimigeachd. Ann an 1896 ghluais e chun na Gearmailt agus chrìochnaich e a dhreuchd a sin ann an 1911. Ann an 1901 bhuannaich e a' chiad Duais Nobel ann an Ceimigeachd airson na h-obrach aige le eadar-sgaoilidhean.

Remove ads

Aistean co-cheangailte

Iomraidhean

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads