Rotterdam

From Wikipedia, the free encyclopedia

Rotterdam
Remove ads

'S e baile mòr agus port cudromach air àirde an ear-dheas nan Tìrean Ìsle a th’ ann an Rotterdam (IPA: ˌrɔtərˈdɑm, Portagailis: Roterdão). Tha e suidhichte aig -4m fo ìre na mara,[1] aig beul na h-aibhnichean Rhein, Meuse agus Scheldt, anns an roinn Zuid-Holland (An Òlaind a Deas). Tha am baile 21km air falbh bho Dhen Haag (Prìomh-bhaile na dùthcha), 58km bho Amsterdam, 48km bho Utrecht agus 201km bho Ghroningen.[2] Tha 616,003 duine a' fuireach anns a’ bhaile fhèin, a' ciallachadh gur e an dàrna baile as motha san dùthaich,[3] ach tha mu 1,300,000 anns an sgìre air fad. Tha am port an sàs ann an eaconomaidh na Roinn Eòrpa air fad air sàilleabh a dheagh lìonra chòmhdhail leis A’ Ghearmailt, An Fhraing agus A' Bheilg.

Rotterdam
Thumb
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Thumb
Suidheachadh
Dùthaich Na Tìrean Ìsle
Sgìre Zuid-Holland (An Òlaind a Deas)
Co-chomharran 51° 55 18' Tuath
04° 28′ 52 Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 319 km²
Àireamh-shluaigh 616,003 (2011)
Dlùths 1,931.04/km²
Àireamh fòn +31 (0)10
Duilleag oifigeil www.rotterdam.nl
Remove ads

Eachdraidh

Tha an t-ainm a’ tighinn on dama no balla-casg air an abhainn Rotte (dama an Rotte, an Rotterdam) a thogadh timcheall air 1260.[4] Chaidh oilthigh a stèidheachadh an seo ann an 1913. Air 23 an Cèitean 1938 rinn neach-brathaidh Sobhiatach air an robh Pavlo Sudoplatov foill-mhort air Yevhen Konovalets, neach-iomairt Ucràineach.[5]

Daoine ainmeil

Bailtean Co-cheangailte

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads