Jean Calvin
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
B' e pears'-eaglais agus ceannard anns an Ath-Leasachadh a bha ann an Jean Calvin neo Iain Calvin (10 an t-Iuchar 1509–27 an Cèitean 1564). Is esan a stèidhich an sgoil-diadhaireachd Calbhanaich. Bha e na mhac Gérard Cauvin. Fhuair e a chuid fhoglaim ann an Oilthigh Orléans agus an Oilthigh Bourges. Sgrìobh Calvin an leabhar Institutio Christianae religionis ann am Basel, An Eilbheis. Thug na sgrìobh agus na rinn Jan Hus buaidh mhòr airsan. Ann an 1542 dh'fhoillsich e an leabhar-cheist Le catéchisme de l'Église de Genève. Chaidh eadar-theangachadh gu Gàidhlig agus nochd e ann an clò, an dàrna leabhar a chaidh fhoillseachadh riamh ann an Gàidhlig, mar Adtimchiol an chreidimh comhaghalluidhedar an maighiser, agas an foghluinte ann an Dùn Èideann le John Wreittoune ann an 1631. Faodar leth-bhreac a' leughadh air làrach-lìn Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.[1] Stèidhich e Oilthigh Geneva ann an 1559 mar sgoil-diadhaireachd Phròstanach.[2]
Remove ads
Aistean co-cheangailte
Iomraidhean
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads