Jimmy Reid
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
B’ e Seumas "Jimmy" Reid (9 an t-Iuchar 1932 gu ruige 10 an Lùnasdal 2010)[1] ball aonaidhean-ciùird, òraidiche, neach-poileataigs agus neach-aithris Albannach, a rugadh ann am Baile a' Ghobhainn, Glaschu.[2] Thug e deagh chliù air feadh an t-saoghail mar neach-ghairm agus ceannard nuair a ghabh na luchd-obrach os làimh gàrraidhean-shoithichean aig Upper Clyde Shipbuilders eadar an t-Ògmhios 1971 agus an Dàmhair 1972. An uair sin bha e an sàs mar Reachdadair Oilthigh Ghlaschu[3] agus mu dheireadh thall bha e na fhear-aithris is na chraoladair. Dh’fhàg e Pàrtaidh nan Comannach airson Pàrtaidh Làbarach na h-Alba[4] mus a bhith na bhall Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba.[5] Bha Reid dhen bheachd gu robh Neo-eisimeileachd na h-Alba agus Sòisealachd air an aon ràmh. Chaochail e ann an 2010 an dèidh a bhith tinn fad mìosan.
Remove ads
Iomraidhean
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads