John Duncan Fergusson

From Wikipedia, the free encyclopedia

John Duncan Fergusson
Remove ads

B' e peantair is cruth-ealantair à Alba agus fear de na Dathaichean Albannach a bha ann an John Duncan Fergusson.

Quick facts Beatha, Breith ...

Rugadh is thogadh e ann an Lìte is dh'ionnsaich e ealain aig Acadamh nan Urrasairean ann an Dùn Èideann agus ann am Paris ach b' ann air a cheann fhèin a rinn e a' mhòr-chuid de a chùrsa foghlaim. Pheant e cuideachd Fìobha, Afraga a Tuath agus an Spàinn. Chaochail e ann an 1961.[1]

Phòs e an dannsair Margaret Morris. Thachair iad ri chèile ann am Paris ann an 1913 is dh'obraich iad còmhla air pròiseactan dannsa.[2]

Tha gailearaidh ann am Peairt a' cumail cruinneachadh nan obraichean aige agus stuth mu Margaret Morris.[3] Tha cruinneachaidhean eile aig Taigh-tasgaidh Mhic an t-Sealgair, mar eisimpleir Les Eus[4] agus aig Oilthigh Shruighlea.[5]

Remove ads

Ceanglaichean a-mach

Iomraidhean

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads