John Glenn

From Wikipedia, the free encyclopedia

John Glenn
Remove ads

B' e saighdear, paidhleat, speuradair agus neach-poileataigs às na Stàitean Aonaichte a bh' ann an John Herschel Glenn Jr (Cambridge 18 an t-Iuchar 1921 - Columbus 8 an Dùbhlachd 2016).[1] Rugadh agus thogadh Glenn ann an Ohio. Phòs e aig a ghràidhean sgoile, Anna Margaret Castor, ann an 1943 agus rugadh i dithis duine-cloinne dha. Choinnich iad san oilthigh. Bha droch thrioblaid aice le glugaireachd fad bhliadhnaichean, ach fhuair ise thairis air. Bha Glenn na phaidhleat-cogaidh anns an Dàrna Chogadh agus bheireadh e ionnsaigh air soithichean cogaidh às an Iapan faisg air na h-Eileanan Mharshall agus bataraidh ghunnaichean air Maloelap Atoll. Bha e cuideachd an lùib a' Chogaidh ann an Coiria, far an deach e ann an turas. B' e Glenn an treas fear - agus a' chiad Aimearaganach - a rinn reul-chuairt mun timcheall na cruinne, an dèidh Ûrij Gagarin agus Gherman Titov.[2] Thachair e ri Gherman Titov agus John F. Kennedy ann an 1962.[3] Bha e na sheanadair airson Ohio fad 15 bliadhna bho 1974 gu ruige 1999 is e na bhall A' Pàirtidh Deamocrataich. Mus do dh'fhàg e an dreuchd aige ann am poileataigs chaidh e air ais dhan fhànas aig 77 bliadhna a dh'aois, am fear na b' aosta a rinn sin a-riamh.[4]

Quick facts Seanadair nan Stàitean Aonaichte, Beatha ...

Chaochail e le aillse ann an 2016.

Remove ads

Iomraidhean

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads