Kurt Alder
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
B' e ceimigear Gearmailteach a bha ann an Kurt Alder (Königshütte 10 an t-Iuchar 1902–Köln 20 an t-Ògmhios 1958).
Dh'ionnsaich e ceimigeachd aig Oilthigh Bherlin is Oilthigh Kiel, far an do sgrìobh e a theusais, Über die Ursachen der Azoester-reaktion ('Mu adhbharan an iom-obrachadh azoester') fo Otto Diels. Chaidh e na leughadair is òraidiche an siud ach dh'fhàg e Kiel ann an 1936 is chaidh e do Leverkusen, far an do dh'obraich e air rubair fuadan airson IG Farben. Chaidh e gu Cologne ann an 1940 far an do dh'fhuirich e. Chaochail e gu h-obann ann an 1958.[1]
Tha e ainmeil airson an iom-obrachaidh Diels–Alder, a thionnsgail e còmhla ri Otto Diels is bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1950 air a shon[2] còmhla ri Otto Diels.
Remove ads
Iomraidhean
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads