Lachlann MacGuaire
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
'S e oifigear airm agus rianaire tìr-imrich Breatannach a bha ann an Lachlann MacGuaire (Lachlan Macquarie, 31 am Faoilleach 1762–1 an t-Iuchar 1824). Bha e na Riaghladair New South Wales 1809 - 1821, agus bha e cudromach airson Astràilia atharrachadh bho thìr-imrich peanasach ann an dùthaich shaor.
Rugadh e ann an Ulbha ri taobh Muile agus chaidh fhoghlam ann an Dùn Èideann. An dèidh dha seirbheis a dhèanamh ann an Aimearaga a Tuath, na h-Innseachan agus an Èipheit, chaidh e na Riaghladair New South Wales, agus ann an 1813 chaidh a dhèanamh màidsear-seanailear.
Nuair a bha e na riaghladair, bha e a' togail gearastan mar bu chòir an àite bothain airson nan ciomaich, rathaidean, cidheachan, ospadalan agus togalaichean eile. Bha e a' brosnachadh leasachadh àiteachas tuathanachais cuideachd. 'S dòcha nas cudromaiche, ge-tà, bha e a' leigeil leis na ciomaich na bha as dèidh nam breithean aca oifisean poblach fhaighinn, agus bha e a' dèilig riutha mar daoine co-ionnan.
Bha Lachlann MacGuaire fìor chudromach don leasachadh na dùthcha, agus thathar a' canar ris "Athair Astràilia"[1]. Chaochail e ann an Lunnainn agus bha e air a thìodhlacadh ann am Muile. Tha Urras Nàiseanta Astràilia a' gleidheadh an uaigh aige.
Remove ads
Iomraidhean
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads