Linus Pauling

From Wikipedia, the free encyclopedia

Linus Pauling
Remove ads

B' e ceimigear agus fiosaigiche às Aimearaganach a bh’ ann an Linus Carl Pauling. Tha e ainmeil airson a theòiridh an tàthaidh ceimigeach, a dh'fhoillsich e mar The Nature of the Chemical Bond ann an 1947 agus structar nan grunnan-feòla. Rugadh e ann an 1901 is bha e na oileanach aig Oregon Agricultural College is Caltech far an do sgrìobh e a theusas. Thill e a Chaltech as dèidh obrach còmhla ri Arnold Sommerfeld ann am Munich, is Erwin Schrödinger agus Peter Debye ann an Zürich. B' e esan a stiùirich Martin Karplus tron dotaireachd aige. Chaochail e ann an 1994.[1]

Quick Facts ollamh, Beatha ...
Remove ads
Remove ads

Urraman

Fhuair e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1954[2] airson obrach mu dheidhinn ceanglaichean ceimigeach. Ann an 1962, fhuair e an Duais Nobel a-rithist (Sìth) airson obrach an aghaidh dhearbhaidhean air armachd dhadmannach. Cha robh a-riamh ann ach dithis, Marie Curie agus Linus Pauling a fhuair dà dhiofar Dhuais Nobel.

Dh'ainmicheadh dreag, 4674 Pauling, air.

Iomraidhean

Loading content...
Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads