Loch Droma

From Wikipedia, the free encyclopedia

Loch Droma
Remove ads

'S e loch ann an Alba a tha ann an Loch Droma.[1] Tha e suidhichte ann am Frìth Fanaich faisg air an A835 a leanas gu Ulapul.

Quick facts Loch Droma ...
Remove ads

An loch

Tha an loch seo cho mòr ri 43.6 ha (107.7 acair). 'S e 4.7 km (2.9 mìle) an cuairt-thomhas aige agus tha e mu 1.6 km a dh'fhad san àite as dìriche.[1] Tha cuid eileanan anns an loch seo. Tha bàrr uisge an locha mu 274 m (899 troigh) os cionn na mara agus tha e mu 12.8 km (8 mìle) air falbh bhon mhuir. Thèid an loch a' lìonadh le Allt Coireag a' Chaorrainn agus alltan beaga eile agus tha an t-uisge a' sruthadh às an loch seo tro Abhainn Droma chun an iar-thuath.

'S e loch-tasgaidh a th' ann a chaidh a chruthachadh ann an 1950an airson a' phròiseict Neart nan Gleann. Chaidh dama a thogail ann gus bàrr an uisge ag àrdachadh agus cleachdar an t-uisge seo gus Loch a' Ghlais-Chàrnaich a' lìonadh.[2] Bhon Loch a' Ghlais-Chàrnaich tha an t-uisge a' sruthadh tro thunail a tha mu 8 km air fad chun an stèisean-cumhachd Mossford Power Station. Gheibhear mu 18.6 megawatt, agus mu 121 millean kWh sa mheadhan gach bliadhna a-mach às an stèisean-cumhachd seo[2]. B' e sin aon de na damaichean a chaidh a thogail gus dealan-uisge a chruthachadh airson an Conon Hydro-Electric Power Scheme. An-diugh tha an sgeama a' gabhail a-steach sia damaichean agus seachd stèiseanan-cumhachd uisge[2]

Remove ads

Dealbhan

Iomraidhean

Faic cuideachd

Ceanglaichean a-mach

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads