Louis Charles Delescluze
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
B' e neach-poileataigs, neach-aithris agus rèabhlaideach sòisealach às An Fhraing a bh' ann an Louis Charles Delescluze (Dreux, 2 an Dàmhair, 1809 - Paris, 25 an Cèitean 1871).[1] Bha esan an lùib a' Chomainn Pharis agus chaidh a mharbhadh ga dhìon.
Remove ads
Beatha
Rugadh e ann an Dreux, eadar Chartres agus Évreux, ann an ceann an tuath na Frainge, nuair a bha an dùthaich fhathast fo bhuaidh Napoleon Bonaparte agus thogadh e tro bliadhnaichean dorcha na rìoghachd an a dhèidh. Bhuineadh e do theaghlach bhùirdeasach agus rinn e lagh san oilthigh ann am Paris. Cha robh e ach 21 bliadhna a dh' aois nuair a bha e an lùib na còmhstri airson na saorsa.
Dh' fhàs e gu math dlùth air rèabhlaidich eile a bha an aghaidh na stàite, mar Jarosław Dąbrowski, Eugène Varlin agus Auguste-Jean-Marie Vermorel.[2] B' ann ann am Paris a chaochail e, nuair a bha e 62 bliadhna a dh'aois, agus na caraidean aige. Chaill An Fhraing cogadh an aghaidh na Prùise agus bha am baile air a chuairteachadh le feachdan bho thall thairis. Thoisich ar-a-mach nan daoine bochda an aghaidh nan Gearmailteach, an Riaghaltais agus nan Monarcach. Chaidh a mharbhadh a' dìon na rèabhlaide.
Remove ads
Urraman
Ann an 1930, is mòr-chuid aig na Sòisealaich agus na Comunnaich sa Chomhairle, dh'ainmich sràid sa 11mh arrondissement (sgìre ann am Paris) an a dhèidh.[3]
Aistean co-cheangailte
Ceanglaichean A-muigh
Iomraidhean
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads