Louis X na Frainge
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
B' e Rìgh na Frainge fad dìreach 19 mìos eadar 29 an t-Samhain 1314 is 5 an t-Ògmhios 1316 a bh' ann an Louis X[1] (far-ainm: Louis le Hutin (Gàidhlig: dùr),[2] Paris, 4 an Dàmhair 1289–Vincennes, 5 an t-Ògmhios 1316). Bhuineadh e dha na Capetianaich (Fraingis: Capétiens).[3] Phòs e Mairead à Bourgogne ann an 1305 ach rinn ise adhaltranas agus chaidh a cur gu bàs. Rug Mairead nighean dha, Seonag I à Nafarroa, ann an 1311. Phòs e a-rithist Clémence às an Ungair ann an 1315. Rug ise mac dha, a chaochail na phàiste an ath bhliadhna. Air 3 an t-Iuchar 1315 thug e a-mach Èigheachd Rìoghail a chuir às do tràilleachd agus a dhearbhaich a rèir còirichean nàdarra, feumar gach uile duine air breith saor. Bhon an latha sin agus gu h-oifigeil, saoraichidh fearann na Frainge an tràill a chuireas a chas oirre.[4] Chaochail e an dèidh glainne fìona fuar òl agus esan a' faireachdainn gu math tè leis gu robh e a' cluiche seòrsa de teannas air an robh jeu de paume. Bha e dìreach 26 bliadhna a dh'aois.[5]
Remove ads
Iomraidhean
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads