Malabhaidh
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
'S e dùthaich ann an Afraga a tha ann am Malabhaidh,[1][2], Malawi [3] neo Malaiwi[4][5] (Beurla: Malawi, IPA: |[malaβi]); ainm oifigeil: Poblachd Mhalabhaidh. B' e Nyasaland an seann ainm a bha oirre. Chan eilear cinnteach cò às a thàinig ainm na dùthcha. Tha aon mìneachadh ag ràdh gu bheil e a’ ciallachadh: "deàrrsadh na grèine ag èirigh thairis air an loch". 'S e seo a’ sealltainn ann am bratach na dùthcha cuideachd.
Tha crìochan aice san iar-thuath le Saimbia, sa tuath le Mòsaimbic agus san earra-dheas le Tansainìa. 'S e Lilongwe prìomh-bhaile na dùthcha, ach 's e Blantyre am baile as motha a th' ann.

B’ e David Livingstone a’ chiad duine Eòrpach a ràinig air Malabhaidh anns a’ bhliadhna 1859. An uair sin b' iad na h-Albannaich a thòisich air eaglaisean agus miseanan a thogail, gu h-àraidh timcheall air Loch Mhalawi.

Tha an gleann Great Rift Valley a’ ruith bho thuath gu deas. Anns a' ghleann seo tha Loch Mhalawi (ainm eile: Lake Nyasa).’S e an treasamh loch as motha ann an Afraga agus an deicheamh loch as motha air an t-saoghail. An–diugh tha e dìonta mar Làrach Dhualchas na Cruinne leis an UNESCO.

Remove ads
Iomraidhean
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads