Malcolm Rifkind

From Wikipedia, the free encyclopedia

Malcolm Rifkind
Remove ads

'S e neach-poileataigs Breatannach a tha ann an Malcolm Leslie Rifkind (rugadh 21 an t-Òg-mhios 1946). Dh'ionnsaich e lagh aig Oilthigh Dhùn Èideann agus bha e na òraidiche aig Oilthigh Rhodesia a Deas o 1967 gu 1968. Chaidh e na thagraiche ann an 1970 agus chaidh e a thaghadh mar BhP airson Dùn Èideann Pentlands ann an 1974, far an do mhair e gus chaill e an seat aige ann an 1997.[1]

Quick Facts Ball de Chomhairle Dhìomhair na Rìoghachd Aonaichte, member of the 46th Parliament of the United Kingdom (en) ...

Bha e ’na mhinistear sa caibineat Thòraidheach aig a’ phrìomhaire Margaret Thatcher agus aig John Major. Bha e ’na Rùnaire Stàite na h-Alba (1986-1990), ’na Rùnaire a' Chòmhdhalach (1990-1992), ’na Rùnaire an Dìon (1992-1995), agus ’na Rùnaire nan Dùthchannan Céin (1995-1997).

Fhad 's a bha e ’na Rùnaire Stàite na h-Alba, rinn e strì sa chaibineat airson airgead £8M sa bhliadhna fhaighinn airson leudachadh mór ann an telebhisean Gàidhlig.

Remove ads

Ceanglaichean a-mach

Iomraidhean

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads