Meg Bateman
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
Tha Vivienne Mairead 'Meg' Bateman (13 an Giblean 1959[1]) na bana-bhàrd is neach-acadaimigeach.
Remove ads
Rugadh Bateman ann an Dùn Èideann. Rinn i ceum na Ceiltis aig Oilthigh Obar Dheathain is chrìochnaich i ollamhachd air bàrdachd chreidmheach Ghàidhlig. An uair sin, theagaisg i aig Oilthigh Dhùn Èideann is Oilthigh Obar Dheathain. Nochd a cuid bàrdachd ann an iomadh duanaire, mar eisimpleir Other Tongues (1990) agus Twenty of the Best (1990). Tha i air eadar-theangachadh bàrdachd Gàidhlig ann am Beurla ann an Anthology of Scottish Women Poets (1991) agus Creachadh na Clàrsaiche (1993). Chaidh a' chiad chruinneachadh le tionndaidhean Beurla aice fhoillseachadh ann an 1997, Aotramachd is dàin eile, a' dèiligeadh ri breòiteachd a' ghaoil is dhàimhean daonna. Tha i ag obair mar òraidiche aig Sabhal Mòr Ostaig anns an Eilean Sgitheanach agus mar phrìomh òraidiche urramach aig Oilthigh Chill Rìmhinn. Dheasaich i eagran ùr de bhàrdachd aig Dòmhnall nan Òran agus a mhic còmhla ri Anne Loughran.[2][3]
Remove ads
Urraman
Bhuilich Oilthigh na Gàidhealtachd an tiotal “proifeasair” oirre ann an 2015.[4]
Fhuair i an tiotal Bàrd a’ Chomuinn Ghàidhealaich aig a' Mhòd anns an Òban ann an 2024.[5][6]
Foillseachaidhean
Bàrdachd
- 1990. Orain Ghaoil
- 1997. Aotromachd agus Dàin Eile
- 2007. Soirbheas
- 2013. Transparencies[7]
Sgeulachdan Goirid
- 2011. Chanadh Gun Do Chuir i Às Dha ann an SAORSA: sgeulachdan goirid Ùr-Sgeul Inbhir Nis: CLÀR, Ùr-Sgeul, 2011, dd.141-144.
Artaigilean Sgoilearach ann am Beurla
- Bateman, Meg 'The Bard and the Birlinn' ann an Camille Dressler & D. W. Stiùbhart (deas.) Alexander MacDonald: Bard of the Gaelic Enlightenment / Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair: Bàrd an t-Soillearachaidh Ghàidhealach Kershader, Isle of Lewis: Islands Book Trust, 2012, dd.74-84.
Leabhar ann am Beurla
- Bateman, Meg, Purser, John (2020): Window to the West: Culture and Environment in the Scottish Gàidhealtachd (pdf, 960td, 206MB).
Remove ads
Ceanglaichean a-mach
Iomraidhean
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads