Mehmed II

From Wikipedia, the free encyclopedia

Mehmed II
Remove ads

B' e seachdamh Sultan Impireachd nan Otomanach a bh' ann am Mehmed II (ainm eile: Mehmed-ı sānī - 'uasal', Edirne 30 am Màrt 1432Gebze 3 an Cèitean 1481).[1] B' e an treas mac Murad II agus Hüma Valide Hatun a bh' ann. Mar iomadh prionnsa nan Otomanach, thogadh e ann an Amasya agus b' ann an sin a fhuair e a chuid trèanaidh. Bha e os cionn na dùthcha dà thuras: bho 1444 gu ruige 1446 agus an uair sin bho 1451 gus a chaochail e ann an 1481. Leig athar dheth an dreuchd ann an 1444 airson a chrùnaidh ach thill ann an 1446 leis gun do sheas an arm na aghaidh.[2] Cheannsaiche mòran talmhainn: chuairtich e Constantinople fad mìosan ann an 1453 agus ghèill am baile dha, a' cur às dhan Impireachd Bheasantian. An uair sin chuir e ruaig air na ridirean-croise aig János Hunyadi/Ion Hunedoara anns An Ungair ann an 1456.[3] Leasaich e an Impireachd anns Na Balcain, ann an Aisia Bheag agus Crimea.[4] B' e duine gu math foghlaimte a bh' ann am Mehmed II: bha Arabais, Farsi, Laideann, Greugais agus Sèirbis aige, a bharrachd air Turcais. Nuair a bha esan sa chumhachd bhrosnaich e cultair, foghlam agus ionnsachadh. B' e bàrd sgileil a bh' ann agus bha mòran dhaonnairean fo a sgèith.[5] Thog e mosgaichean agus sgoiltean air feadh na rìoghachd agus chuir e an siostam lagha ann an deagh rian. 'S ann coltach gun do mharbh a mhac Bayezid II e le stuth puinnseanta. Chan ann ach an t-ainm Arabais محمد (Muhammad) ann am foirm Turcais a th' ann Mehmed.

Quick Facts 7. sultan Impireachd nan Otomanach, sultan Impireachd nan Otomanach ...
Remove ads

Iomraidhean

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads