Michael Atiyah

From Wikipedia, the free encyclopedia

Michael Atiyah
Remove ads

B' e matamataigear à Sasainn a bha ann am Michael Atiyah.

Quick Facts Savilian Professor of Geometry (en), cathraiche ...

Rugadh e ann an Lunnainn ann an 1929 aig màthair à Sasainn is athair à Leabanon agus thogadh e ann an Sudàn is anns an Èipheit. Dh'ionnsaich e matamataig aig Colaiste na Trianaide, Oilthigh Chambridge agus sgrìobh e teusais fo William Hodge. As dèidh seo dh'obair e aig Oilthigh Phrinceton is thill e chun Rìoghachd Aonaichte far an deach e na ollamh aig Oilthigh Oxford ann an 1963. Dh'fhoillsich e an teòirim inneacs Atiyah–Singer còmhla ri Isadore Singer, a thoradh as ainmeile, ann an 1968, is thill e gu Princeton eadar 1969 is 1972. Chaidh e na mhaighstir Colaiste na Trianaide ann an 1990 agus stiùir e an t-Institiud Isaac Newton. As dèidh dha a dhreuchd leigeil suas ann an 1997 dh'imrich e gu Dùn Èideann far an do chaochail e ann an 2019.[1]

Remove ads

Urraman

Bhuannaich e am Bonn Fields ann an 1966 còmhla ri Paul Cohen, Alexander Grothendieck agus Stephen Smale.[2] Eadar 1990 is 1995 bha e na cheann-suidhe a' Chomainn Rìoghail ann an Lunnainn agus an Comann Rìoghail Dhùn Èideann eadar 2005 is 2008.[1]

Iomraidhean

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads