Michiel de Ruyter
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
B' e Michiel de Ruyter (IPA: miˈχil ˈaˑdrijaˑnˌsoˑn də ˈrœy̆tər, ainm slàn: Michiel Adriaenszoon de Ruyter, Vlissingen, 24 am Màrt 1607 - Bàgh Siracusa, 29 an Giblean, 1676) seòladair agus àrd-mharaiche às Na Tìrean Ìsle. Chaidh e gu muir nuair a bha e dìreach 11 bliadhna a dh'aois agus,[1] mean air mhean thigeadh e air adhart: 1633 na leas-chaiptean, 1637 na chaiptean, 1654 na leas-àrd-mharaiche, 1654 na àrd-mharaiche. Bha e cho mhòr-chòrdte leis na maraichean sa chabhlach gun do chuireadh am far-ainm Bestevâer (Duitsis: seanair) air.
Thathar dhen bheachd gur e an t-àrd-mharaiche na b' fheàrr a bh' ann a-riamh ann an eachdraidh na dùthcha, agus am fear na b' ainmeile co-dhiù. Bha na rinn e ri linn a' chiad Chogadh Sasainn - Tìrean Ìsle uabhasach cudromach.[2] Bha e an sàs ann an caochladh chogadh san Bhaltach agus an aghaidh Spùinneadaireachd anns a' Mhuir Mheadhanach. Ann an 1672,[3] rè Bliadhna na Dosgainne, thugadh ionnsaigh air a thaigh, leis gur robh dlùth dàimh ann eadar de Ruyter agus Johan de Witt, a cliamhainn.[4] Bha de Ruyter thall thairis aig an àm. Chaidh De Ruyter a leònadh is e an sàs ann an cath aig Siracusa,[5] far a bhàsaich e.
Phòs e trì tursan: ri Maayke Velders ann an 1631 ach chaochail i taobh a-staigh bliadhna. Ann ann 1636 phòs e ri Neeltje Engels, nighean fhir-mhalairt agus thug i triùir duine-chloinne dha, air an robh Adriaen, Neeltje agus Aelken.[6] Phòs e, mu dheireadh thall, leis a' bhantrach Anna van Gelder ann an 1652 agus fhuair iad nighean còmhla, air an robh Margaretha. A bharrachd air sin bha deagh Ghaeilge aice,[7] leis gun sheòladh e gu Èirinn bho 1623 gu ruige 1631.
Remove ads
Iomraidhean
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads