Phnom Penh

From Wikipedia, the free encyclopedia

Phnom Penh
Remove ads

'S e prìomh-bhaile Chambuidea a tha ann am Phnom Penh (Cànan Khmer: ភ្ន៓ពេញ Phnum Pénh, (pʰnum peːɲ). Thàinig an t-ainm bho na faclan Wat Phnom Daun Penh (an-diugh: Wat Phnom, Gàidhlig: teampall cnuic). Chaidh an cnoc a thogail anns a’ bhliadhna 1373 airson còig ìomhaighean Buddha a chur air. 'S e Phnom Penh am baile as motha den dùthaich. Tha e suidhichte san àird a deas Cambuidea, aig inbhir na h-Aibhnichean Tonlé Sap, Mekong agus Bassac. 'S e seo an co-chomharran aige: 11° 33' Tuath agus 104° 55' Ear [1]. Anns na 1920an b’ e "neamhnaid na h-Àisea'" far-ainm a’ bhaile. [2] Tha Phnom Penh fhathast cliùiteach airson ailtireachd anns an stoidhle Fhrangach agus anns an stoidhle Khmer. Mar sin dheth tha roinn na turasachd gu math làidir anns a’ bhaile fhèin. 'S e Phnom Penh am baile as beartaiche ann an Cambuidea. Tha e na teas meadhan malairteach agus na cridhe poileataigeach den dùthaich.

Phnom Penh
Thumb
Suidheachadh
Dùthaich Cambuidea
Ceàrn Phnom Penh
Co-chomharran 11° 33′ Tuath
104° 55′ Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 376 km²
Àireamh-shluaigh 2,009,264 (2006)
Dlùths 5,343.79/km²
Duilleag oifigeil www.phnompenh.gov
Remove ads

Bailtean Co-cheangailte

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads