Poblachd na h-Èireann

From Wikipedia, the free encyclopedia

Poblachd na h-Èireann
Remove ads

Is e dùthaich ann an Roinn-Eòrpa a tha ann am Poblachd na h-Èireann.[1][2] Tha i suidhichte air eilean Èireann. Tha crìochan aice sa tuath le Èirinn a Tuath. Tha an Cuan Siar san iar na dùthcha agus Cuan na h-Éireann san ear. Tha Sruth na Maoile eadar Alba is Èirinn. A-rèir an lagh chan eil Poblacht na hÉireann (Beurla: Republic of Ireland) ach "tuairisgeul" na stàite, ach tha Éire ainm na tìre.[3] 'S e TG4 an sianal telebhisein aca a tha ag obair tro mheadhan na Gàidhlig na h-Èireann anns a' Phoblachd.

Quick facts Pàirt de, Cur air cois ...
Remove ads

Bailtean as motha

Giùlan

Is e Córas Iompair Éireann neo CIE am Coras (Siostam) Iomair (còmhdhail) nàiseanta a tha ann an Èirinn. Tha iad ag obair ri chèile le trì companaidhean eile:

Tha na prìomh rathaidean agus na Motor-bhealaich fo cùram Údaras nan Boithre Naiseanta (Ùghdarras nan Rathaidean Nàiseanta). Tha lìonradh nan Rathaidean Nàiseanta stèidhichte air Baile Atha Cliath, le na prìomh rathaidean mar gathan a' sìneadh a-mach ri gach ceàrnag na dùthcha. Tha na Rathaidean Nàiseanta gu lèir clàraichte le àireamh còmhla leis an ro-litir N. A measg na prìomh rathaidean, chaidh am N1 an aghaidh Beul-Feirste, am N4 gu Sligeach agus N8 gu Corcaigh. Tha an M1 agus an M8 a nis air toirt ionad N1 agus N8, agus tha Motor-bheallach iomlan mun chuairt Baile Atha Cliath a fhèin.

Is e Aer Lingus companaidh-adhair nàiseanta Èireannach. Bidh ea 'siubhal gu cinn-uidhe san Roinn Eòrpa agus ann an Ameireaga. 'S e companaidh phlèanaichean Èireannach a tha ann an Ryanair. Tha i a' toirt seirbheis gu àitichean air feadh na Roinn-Eòrpa.

Remove ads

Poileataigs na h-Èireann

Chaidh na pàrtaidhean poileataigeach as motha, Fianna Fáil is Fine Gael a chruthachadh an dèidh do neo-eisimeileachd is cogadh sìobhalta. Ro 1938 bha a' phoblachd na monarcachd is chaidh e na poblachd ann an 1938. B' e Dubhghlas de hÍde a bha anns a' chiad ceann-suidhe no Uachtarán is e ball de Fhianna Fáil mar a bha a h-uile Uachtarán ro Maire Mhic Róibín à Páirti na Lucht Oibri.

Spòrs

Is mòr spòrs le muinntir na h-Èireann. Is Cumann Luth-Cleas Gàidhlig na h-Èireann an ùghdaras spòrs nàiseanta as cudthromaiche ann an Èirinn. Is iadsan prìomh spòrsan sgioba na h-Èireann: Peile agus Camanachd ( Camanachd Eireannach), chanar camogie ri camanachd nan mnà. Is gann am paraiste as aonais club CLG ionadail.

Tha mion n-uidh ann an iomadh spòrs buidheann eile m.e.:

Air barrachd, tha uidh mòr an co-ruith nan eich agus nan coin agus bithidh iomadh daoine ri "camanachd nan gall".

Remove ads

Faic cuideachd

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads