Poll Lochaidh

From Wikipedia, the free encyclopedia

Poll Lochaidh
Remove ads

'S e baile beag air an Eilean Dubh a th' ann am Poll Lochaidh [1] no Poll Lòchaidh[2] (Beurla: Munlochy). Tha e suidhichte aig ceann Ob Poll Lòchaidh[3] air taobh an ear-dheas an leth-eilein deas air an A832 eadar Tore agus Abhach.

Thumb
Craobhan le aodaich faisg air Tobar Churadain
Poll Lochaidh
Thumb
Poll Lochaidh
Suidheachadh
Thumb
Poll Lochaidh
Poll Lochaidh (Alba)
Dùthaich Alba
Comhairle Comhairle na Gàidhealtachd
Siorrachd Siorrachd Rois
Parraist Knockbain
Co-chomharran 57° 32′ 59.75″ T
4° 15′ 44.21″ I
Comharradh-clèithe NH647533
Feartan fiosaigeach
Còd-puist IV8

Tha àitichean eachdraidheil timcheall air a' bhaile. Tha tobar chlùdaidh (clootie well) faisg air a' bhaile air an A832. Tha e ainmichte a rèir Naomh Curetán (Laideann: Curitanus, Kiritinus no Boniface), easbaig a bha beò timcheall air a' bhliadhna 700. Cuiridh daoine aodaich air na craobhan timcheall air Tobar Churadain[4] gus an latha an-diugh.[5] Chithear togalaichean eachdraidheil eile anns a' bhaile fhèin agus timcheall air a' bhaile, leithid Old Allangrange House no tobhtaichean Allangrange Chapel.[6]

Timcheall air a' bhaile tha coilltean agus fearann-tuathanais torrach ann.

Remove ads

A' Ghàidhlig

Ann an 1881 bha 1866 duine a' fuireach an seo agus bha Gàidhlig aig 171 dhiubh.[7]

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads