Prionnsalachd Transsilvania

From Wikipedia, the free encyclopedia

Prionnsalachd Transsilvania
Remove ads

B' e stàit leth neo-eisimeileach air an àirde an ear-dheas na Roinn-Eòrpa a mhair bho 1570 gu ruige 1711 a bh' ann am Principatus Transsilvaniae (Gearmailtis: Fürstentum Siebenbürgen, Romàinis: Principatul Transilvaniei/Principatul Ardealului, Ungairis: Erdélyi Fejedelemség, Turcais: Erdel Voyvodalığı/Transilvanya Prensliği, Gàidhlig: Prionnsalachd Transsilvania).[1] Chaidh Prionnsalachd Transsilvania a stèidheachadh ann an 1570 nuair a chaidh An Ungair a roinn le Impireachd nan Otomanach. Mar as àbhaist, bha A' Phrionnsalach fo bhuaidh Impireachd nan Otomanach mar bhasaille, ged bha i fo stiùr phrionnsaichean Ungairianaich gu h-oifigeil. Thathar dhen bheachd gu robh mòr-chuid Ungairianaich ann an 1595 agus a-mach 670,000: Ungairianaich 52.2%, Romàinianaich 28.4%, Gearmailtich 18.8%. Dh'atharraich sin mean air mhean agus bha mòr-chuid Romàinianach ann an 1720: Romàinianaich 49.6%, Ungairianaich 37.2%, Gearmailtich 12.4%.[2] Dh' fhàs Pròsdanachas gu math làidir sa Phrionnsalachd o chionn's nach robh làn smachd aig na prionnsaichean Caitligich oirre. Chuireadh air dòigh cùmhnant - air an robh Fuagradh Torda -a thug saorsa creidimh dha Caitligich agus Pròstanaich.[3] B' e a' chiad turas a thachair a lethid san Roinn-Eòrpa a-riamh. Cha robh saorsa neo còirichean sìobhtala aig na Romàinianaich idir.

Quick Facts
Remove ads

Ceannardan

Iomraidhean

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads