Rafael Urdaneta
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
B’ e saighdear, neach-poileataigs agus riochdaire dioplòmasach à Coloimbia agus A' Bheiniseala a bh’ ann an Rafael José Urdaneta y Faría (Maracaibo, 24 an Dàmhair 1788 – Paris, 23 an Lùnastal 1845).[1] Bha e na cheann-suidhe Coloimbia Mòire eadar 5 an t-Sultain 1830 agus 3 an Cèitean 1831 agus na Mhinistear na Dìona anns A' Bheiniseala dà thuras. Buineadh Uradenta do theaghlach Uachdaran le freumhan anns An Spàinn agus bha e an lùib ag obair às leth teaghlach rìoghail na Spàinne anns a’ chiad dol a-mach. An dèidh Gairm na Neo-Eisimeileachd ann am Bogotá ann an 1810, ghabh Urdaneta ri feachdan na Neo-Eisimeileachd agus dh’fhàs e a bhith na chomhairliche gu math dlùth air Simón Bolívar.[2] Bha e cuideachd na sheanailear san Arm aig Bolívar. Chuir Urdaneta a làmh gu Còrdadh na Sìthe Apulo.[3] Bha càirdeas fad às aige do Roberto Urdaneta Arbeláez, a bha na cheann-suidhe eadar 1951 agus 1953.[4]
Phòs e aig Dolores Vargas Paris à Bogotá ann an 1822 agus rug i 11 duine-cloinne dha. B’ e boireannach gu math ainmeil a bh’ innte.[5] B’ fheudar dhaibh an dùthaich fhàgail ann an 1831. Chaidh Urdaneta ainmeachadh Ministear na Dìona ann an Coloimbia Mhòr, agus b’ e ceann-suidhe na stàite a bh’ ann mus do bhris na dùthcha si às a chèile. Bha e cuideachd na Mhinistear na Dìona thall anns A' Bheiniseala ach, mu dheireadh thall, b’ fheudar dha na dùthaich fhàgail agus chaochail e na fhògarrach thall san Fhraing.[6] A dh’aindeoin seo, leig e dìleab mòr an dà chuid do Choloimbia agus dhan Bheiniseala fhèin.
Remove ads
Iomraidhean
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads