Sèimheachadh

From Wikipedia, the free encyclopedia

Remove ads

'S e atharrachadh chonnragan a tha ann an sèimheachadh. Tha a' bhuaidh seo cumanta ann an iomadh cànain, gu h-àraid mar bhuaidh eachraidheil.

Ma thèid connrag a shèimheachadh, thèid a lagachadh gu tionndadh nas laige na connraige agus aig a' cheann thall, faodaidh gun dèid an fhuaim a chur gu neoini. Ann an cànanachas, thathar a' coimhead air mar neartachadh sònorachd cuideachd.

Atharrachaidhean

Tha iomadh dòigh ann air a dh'obraicheas sèimheachadh. 'S e am "fosgladh" aonan dhiubh 's an fhuaim a' fàs nas fhosgailte ceum air cheum:

More information stad, → ...

Air neo "sònorachadh" 's an fhuaim 'ga ghuthachadh cuideachd:

More information stad, → ...

Cha bhi slighean an t-sèimheachadh co-ionnann an-còmhnaidh, bidh barrachd cheumannan ann uaireannan no bi diofar toradh ann aig a' cheann thall.

Remove ads

Sèimheachadh eachdraidheil

Gheibhear sèimheachadh eachdraidheil 's cànan ag atharrachadh mean air mhean o ghlùin gu glùin, mar eisimpleir mar a thachair eadar an Laideann agus an Spàinntis. Bha stadan gun ghuth [p t k] aig an Laideann agus sa chiad àite, chaidh an guthachadh gu [b d g]. Anns a' cheum mu dheireadh, dh'atharraich iad gu [β̞ ð̞ ɰ]. Thachair seo, mar eisimpleir, ann am faclan mar vitavida, caputcabo, caelumcielo.

Thachair rud gu math coltach ri seo sna cànain Cheilteach cuideachd. Mar eisimpleir, chaidh an -t- san Innd-Eòrpais a shèimheachadh nan robh e eadar dà fhuaimreag, mar a thachair eadar *teu̯teh2 "muinntir" gu *tou̯tā ann am Proto-Cheiltis, *tōθā ann an Gaeilge Thràth, túath /tʰuaθ/ ann an Seann-Ghaeilge agus gus neoini sa Ghàidhlig: tuath /t̪ʰuə/.[1]

Remove ads

Sèimheachadh co-aimsireil

Sandhi

'S e Sàrdais aon dhe na cànain Ròmansach anns am faighear sèimheachadh dhen t-seòrsa sandhi. 'S ciall dha sin gum faighear sèimheachadh eadar faclan fa leth ma bhios connrag eadar dà fhuaimreag. A chionn 's gur e riaghailt fuaime chunbhalach a tha seo, seach riaghailt gràmair, chan eilear 'ga sgrìobhadh.[2]

/b/[β]baca [baka] "bò"sa baca [sa βaka] "a' bhò"
/d/[ð]domu [dɔmu] "taigh"sa domu [sa ðɔmu] "an taigh"
/ɡ/[ɣ]gupu [ɡupu] "ladar"su gupu [su ɣupu] "an ladar"

Sèimheachadh gràmarach

Gheibhear sèimheachadh eadar faclan fa leth sna cànain Cheilteach cuideachd. 'S e sèimheachadh sandhi a b' àbhaist a bhith ann, le riaghailt shimplidh a chuir sèimheachadh air gach connrag eadar dà fhuaimreag ach mar a chaidh cuid dhe na fuaimreagan air chall thairis air na linntean, dh'fhan an sèimheachadh ach bha e an uairsin 'na riaghailt gràmar aig an robh buaidh air fuaimean. Mar eisimpleir, tha diofar ann a thaobh sèimheachaidh sa Ghàidhlig eadar am fear /əm fɛr/ agus a’ bhean /ə vɛn/. Chithear gu h-ìosal mar a bha buaidh aig leasachan an uilt -os (le ainmearan firinn) agus aig -a (le ainmearan boireann):

Proto-Cheiltis *(s)indos wiros → Seann-Ghaeilge ind ferin feran fear → Gàidhlig am fear
Proto-Cheiltis *(s)inda bena → Seann-Ghaeilge ind enin enan bhean → Gàidhlig a' bhean

Tha gach connrag fo bhuaidh an t-sèimheachaidh sa Ghàidhlig (ach /l̪ˠ/ aig nach eil cèile shèimichte tuilleadh).[3] Tha luchd-cànanachais a' roinneadh nam buaidhean ann an co-roinntean eadar-dhealaichte mar eisimpleir:

  • call an dàrna fhuaimneachaidh m.e. /n̪ˠ/ gu /n/
  • lagachadh fuaim chritheanach gu fuaim tapaichte, m.e. /rˠ/ → /ɾ/
  • spìorantachadh, m.e. /m/ gu /v/ (le srònachadh 'na chois [4].)
Spìorantachadh
/p/→ /v/bog /pok/ → glé bhog /kleː vok/"
/pj/→ /vj/ (ro fhuaimreag chùlach)beò /pjɔː/ → glé bheò /kleː vjɔː/
/kʰ/→ /x/cas /kʰas̪/ → glé chas /kleː xas̪/
/kʰʲ/→ /ç/ciùin /kʰʲuːɲ/ → glé chiùin /kleː çuːɲ/
/t̪/→ /ɣ/dubh /t̪uh/ → glé dhubh /kleː ɣuh/
/tʲ/→ /ʝ/deiseil /tʲeʃal/ → glé dheiseil /kleː ʝeʃal/
/k/→ /ɣ/garbh /kaɾav/" → glé gharbh /kleː ɣaɾav/
/kʲ/→ /ʝ//kʲiaɾ/ → glé gheur /kleː ʝiaɾ/
/m/→ /v/maol /mɯːl̪ˠ/ → glé mhaol /kleː vɯːl̪ˠ/"
/mj/→ /vj/ (ro fhuaimreag chùlach)meallta /mjaul̪ˠt̪ə/ → glé mheallta /kleː vjaul̪ˠt̪ə/
/pʰ/→ /f/pongail /pʰɔŋɡal/ → glé phongail /kleː fɔŋɡal/"
/pʰj/→ /fj/ (ro fhuaimreag chùlach)peallagach /pʰjal̪ˠakəx/ → glé pheallagach /kleː fjal̪ˠakəx/


Call an dàrna fhuaimneachaidh
/n̪ˠ/→ /n/nàdarra /n̪ˠaːt̪ərˠə/ → glé nàdarra /kleː naːt̪ərˠə/"
/rˠ/→ /ɾ/rag /rˠak/ → glé rag /kleː ɾak/"
Dì-bhusachadh
/s̪/→ /h/sona /s̪ɔnə/ → glé shona /kleː hɔnə/
/ʃ/→ /h/seasmhach /ʃes̪vəx/ → glé sheasmhach /kleː hes̪vəx/"
/ʃ/→ /hj/ (ro fhuaimreag chùlach)seòlta /ʃɔːl̪ˠt̪ə/ → glé sheòlta /kleː hjɔːl̪ˠt̪ə/
/t̪ʰ/→ /h/tana /t̪ʰanə/ → glé thana /kleː hanə/
/tʰʲ/→ /h/tinn /tʲiːɲ/" → glé thinn /kleː hiːɲ/
/tʰʲ/→ /hj/ (ro fhuaimreag chùlach)teann /tʰʲaun̪ˠ/ → glé theann /kleː hjaun̪ˠ/"
Cur gu neoini
/f/→ Øfann /faun̪ˠ/ → glé fhann /kleː aun̪ˠ/
/fj/→ /j/ (ro fhuaimreag chùlach)feòrachail /fjɔːɾəxal/ → glé fheòrachail /kleː jɔːɾəxal/

Tha sèimheachadh ag adhbharrachadh call an t-sònrachais cuideachadh. Tha a' Ghàidhlig a' coimhead air /l n ɾ/ mar chèilean laga de /ʎ ɲ rˠ/.

Call sònrachais
/ɲ/→ /n/neulach /ɲial̪ˠəx/ → glé neulach /kleː nial̪ˠəx/
/ʎ/→ /l/leisg /ʎeʃkʲ/ → glé leisg /kleː leʃkʲ/

Tha /l̪ˠ/ a' dol gu /lˠ/ ann an Gàidhlig na Hearadh.

Litreachadh

Thathar a' nochdadh sèimheachadh le h ann an Gàidhlig is sa Ghaeilge an-diugh ach bhathar a' cleachdadh na puinge sèimheachaidh roimhe san dà chànan. Mar eisimpleir, 's e a ṁáṫair an dòigh air an robhar a' sgrìobhadh a mhàthair roimhe. Chan eil sin cho cumanta sa Mhanannais far am bi litreachadh ma connraige gu lèir ag atharrachadh, m.e. ny çhengaghyndy hengaghyn "na teangannan" → "de theangannan".

Faic cuideachd

Remove ads

Tùsan

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads