Ur-dhubhadh
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
'S e caochladh fuaime a tha san ur-dhubhadh a gheibhear anns na cànain Ghàidhealach, Gàidhlig na h-Èireann (far an canar úrú ris), Gàidhlig agus gu ìre, sa Mhanannais. Thig guthachadh agus, gu tric, srònachadh air consan 'na chois, mar eisimpleir ceann → ar gceann "ar ceann" sa Ghaeilge.

Dh'èirich an t-ur-dhubhadh gu eachdraidheil an cois consan srònach (gu h-àirid -n deireannach) a bha air beulaibh consan bacaidh, m.e. an + c, g, d, t, b, p, f.
Remove ads
An dà sheòrsa
Tha dà sheòrsa dheth ann, ur-dhubhadh eachdraidheil agus ur-dhubhadh neo-eachdraidheil. 'S e ur-dhubhadh eachdraidheil a tha sa Ghaeilge agus ur-dhubhadh neo-eachdraidheil a tha ann sa Ghàidhlig.
'S ciall dha sin gun tachair an t-ur-dhubhadh sa Ghaeilge fiù mur eil an consan srònach ri chluinntinn tuilleadh:
ceann → ar gceann "ar ceann" teanga → seacht dteanga "seachd teangannan"
Ach ann an Gàidhlig, chan fhaighear e ach ma tha an consan srònach ann e fhèin:
ceann → ar ceann teanga → seachd teangannan
ach
cù → an cù /əŋˈgʱuː/ teanga → an teanga /əɲˈdʲʱɛŋgə/
Remove ads
Atharrachadh nam fuaimean
Ged a tha an dearbh fhreumh aig an ur-dhubhadh anns an trì cànan, chan eil e ag obair air an dearbh dhòigh gu buileach.
Gaeilge
'S ann mar seo a dh'atharraicheas na fuaimean sa Ghaeilge:[1]
1. Tha consan casgaidh agus /fˠ, fʲ/ a' dol 'nan consain ghuthach:
2. Tha consan casgaidh guthach a' dol 'na chonsan srònach:
3. Tha an -n 'ga ghlèidheadh ro fhuaimreag:
Remove ads
An litreachadh
Gaeilge
A chionn 's gur e ur-dhubhadh eachdraidheil a tha ann sa Ghaeilge, 's mar sin cha ghabh a thomhas, thèid a sgrìobhadh ann:
- peann → ar bpeann
- bean → ar mbean
- tigh → ar dtigh
- droim → ar ndroim
- ceann → ar gceann
- glúin → ar nglúin
- fuinneog → ar bhfuinneog
- éan → ar n-éan
Gàidhlig
A chionn 's nach fhaighear e sa Ghàidhlig ach an cois an uilt agus grunn fhaclan sònraichte eile (an, nan, gun), cha dèid a sgrìobhadh ann agus cleachdaidh gach duine an t-ur-dhubhadh a-rèir a dhual-chainnt fhèin:
- peann → am peann
- bùth → am bùth
- taigh → an taigh
- druim → an druim
- ceann → an ceann
- glùn → an glùn
Tha glè bheag de dh'fhaclan ann far am faicear iarmaid an ur-dhubhaidh ann an àitichean far nach biodh dùil a-rèir riaghailtean a' chànain an-diugh. 'S e cruthan reòite a chanar ris a leithid seo de dh'fhacal. Mar eisimpleir, tha an cruth a bheil a' tighinn on ghnìomhair fuil (cf. Gaeilge an bhfuil) gu eachdraidheil, le ur-dhubhadh an f → bh.
Remove ads
Faic cuideachd
Iomraidhean
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads