Sìochantas

From Wikipedia, the free encyclopedia

Remove ads

'S e sreath chreideamhan agus cleachdaidhean a thathar a' cur air dòigh gus an sìth a chumail eadar dùthchannan agus nàiseanan a th' ann an sìochantas. Canar sìochantair ris gach neach a tha a' gabhail ri sìochantas.[1] 'S ann làidir ann aghaidh Chogaidhean agus còmhstri ainneartach dhen a h-uile seòrsa 's a tha sìochantas ge b' e 's a tha e: poileataigeach, creideamhach, air neo ideòlasach. An àite fòirneart bidh sìochantairean a' cleachdadh: neo-fhòirneart èasgaidh, dioplomasachd, eas-ùmhlachd chatharra, am boycott, diùltadh cogaiseach, iomairtean sgaoilidh bheachdan agus foghlam airson na sìthe. Tha an fheallsanachd a tha air cùl gnothaich ann an sìochantas ceangailte ri bun-bheachdan mar ahimsa (अहिंसा)[2] ann am Bùdachas agus Satyagraha (सत्याग्रह)[3] ann an Hionduthachd.

Remove ads

Sìochantairean Ainmeil

Iomraidhean

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads