Jeremy Corbyn
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
Tha Jeremy Bernard Corbyn (IPA: kɔːrbɪn, Chippenham 26 an Cèitean 1949) na fhear-poileataigs Sasannach sa Phàrtaidh Làbarach agus na bhall Phàrlamaid Westminster airson Islington a Tuath o 1983.[1]
Remove ads
Beatha phearsanta
Mac an innleadair David Benjamin Corbyn (1915–1986) agus an tidsear matamataig Naomi Josling (1915–1987), thogadh e ann an Wiltshire agus ann an Shropshire. Tha triùir bràthair aige. B' e sìochantairean a bh' ann a phàrantan, a choinnich ri chèile ann an tachartas aig an Conway Hall Ethical Society - a tha a' gabhail ri daonnachas[2] - gus taic a thoirt do Phoblachd na Spàinne aig àm a' Chogaidh Sìobhalta. Chaidh Jeremy òg gu sgoiltean prìobhaideach an siud. Bha e an sàs ann an CND, am Pàrtaidh Làbarach, agus iomairtean an aghaidh sealgaireachd, is esan fhathast san sgoil. Chuir e seachad bliadhna na oileanach aig ach cha tug e ceum idir.[3]
Ann an 1974 phòs e aig Jane Chapman, a bha na comhairliche còmhla ris ann an Haringay, ach dhealaich iad ann an 1979. Tha ise na ollamh aig Oilthigh Lincoln a-nis. An uair sin phòs e aig Claudia Bracchitta, a bha na fògarrach às An t-Sile, ann an 1987. Dhealaich ann an 1999 iad air sàilleabh gu robh ise airson an triùir duine-cloinne a bh' aca a chur gu sgoiltean prìobhaideach, rudeigin a bha esan an aghaidh.[4] Mu dheireadh thall, phòs e aig Laura Álvarez ann an 2013. 'S e neach-iomairt Mhalairt chothromaich a th' innte agus bha i na neach-lagha airson chòraichean daonna san dùthaich aige fhèin.[5]
Remove ads
Poileataigs
Thoisich Corbyn ann am poileataigs tron na aonaidhean-ciùird, a thaobh an T&GWU, a' riochdachadh luchd-obrach ann an gnìomhachas aodaich. An uair sin chaidh a thaghadh na chomhairliche airson Haringay, far an robh e bho 1974 gu ruige 1983 nuair a chaidh a thaghadh gu airson Islington a Tuath. Fhuair e an seat aige leis gun do dh'fhàg Mícheil Ó h-Allmhuráin, an seann bhall-phàrlamaid airson na sgìre, am Pàrtaidh Làbarach.
Tha Corbyn fhèin ag ràdh gur e sìochantair, poblachdach agus glasraichear a chleachdas am baighseagal a h-uile latha a th' ann. 'S àbhaist dha a bhith an lùib iomairtean eadar-nàiseanta airson chòraichean daonna. Bha e an sàs anns a' cho-bhann Stop the War an aghaidh a' Chogaidh ann an Ioràc[6] a bharrachd air a bhith a' strì ann an iomairt Dlùth-phàirteachas ri Palastain; tha e cuideachd na leas-cheannard CND. An dèidh an sgannail mu chosgaisean nam Ball Pàrlamaid ann an 2009 anns an Rìoghachd Aonaichte thàinig e am follais gur e Corbyn am ball a fhuair an suim airgid a bu lugha.[7]
Remove ads
Na Cheannard
Chaill am Pàrtaidh na taghaidhean coitcheann an an 2015 agus bha iadsan ann an staing an dèidh sin. Bhuannaich Corbyn an ceannas anns an Dàmhair 2015, ged a bha a h-uile duine an dùil nach tigeadh aige sin a dhèanamh. 'S ann connspaideach 's a tha e agus mòran air an taobh deas a' Phàrtaidh na aghaidh. A bharrachd air sin, tha e air fìor dhroch làimhseachadh fhaighinn bho na meadhanan.[8] Nuair a bhot an Rìoghachd Aonaichte airson Brexit ann an 2016 theab iad ga chur a-mach às a dhreuchd ach dh'fhàillig an iomairt a bha seo.[9] An dèidh do na toraidhean as miosa airson a' Phàrtaidh o 1935, leig e suas a dhreuchd san Dùbhlachd 2019.[10] Bhuannaich Keir Starmer an dèidh Corbyn an ceannas.[11]
Iomraidhean
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads