Sandhead

From Wikipedia, the free encyclopedia

Sandhead
Remove ads

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Port Neasaig, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann an Sandhead. Tha e suidhichte shìos air an tràigh aig ìre na mara[3] eadar Eaglais Steafain agus Àrd Bhaile, ann am meadhan nan Rannaibh, air an àirde an iar Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975). Tha e 316km air falbh bho Obar Dheathain, 126km bho Ghlaschu, 92km bho Dhùn Phrìs agus 170km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e Beurla agus Beurla Ghallta a th' aig a’ mhòr-chuid dhiubh ann an Sandhead. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, turasachd. Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil ann[5] ach feumar a dhol dhan àrd-sgoil anns An t-Sròin Reamhair.[6]

Sandhead
Thumb
Thumb
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Comhairle Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Siorrachd Siorrachd Bhaile na h-Ùige
Parraist Eaglais Steafain[1]
Co-chomharran 54° 47′ 60″ Tuath
05° 57′ 00″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01776
Còd-puist DG9[2]
Remove ads

Freumhan an Ainm

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à sand (gainmheach ) agus head (ceann) sa Bheurla neo Lochlannais a tha an t-ainm.[7] 'S ainneamh a chithear ainmean-àite sa Bheurla san sgìre seo, ged a tha fheadhainn sa Lochlannais gu math pailt. Tha cruth na tìre a' toirt cuideam dhan teòiridh. A thuilleadh air sin, tha àite eile faisg air Sandhead air a bheil Gennoch, neo gainmheach sa Gàidhlig.

Remove ads

Eachdraidh

Poileataigs

'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd na h-Eaglaise Steafain a bhuineas Sandhead, a ghabhas a-steach Eaglais Steafain agus Àrd Bhaile. Tha 1,060 duine a' fuireach san sgìre air fad.[8] Tha 12 comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre agus thathar a' cumail coinneamhan na Comhairle gach mìos ann an Talla na h-Eaglaise, ann an Sandhead. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 03 (Meadhan Ghall-Ghàidhealaibh) airson Comhairle na Roinne.[9]

Gnàth-shìde

'S ann ann an sgìre mòran nas blàithe (Cuibheasachd bhliadhnail: 8.7 °C) agus mòran nas fhliche (Cuibheasachd bhliadhnail: 1065mm) an coimeas ris an còrr dhen dùthaich 's a tha Sandhead. Tha sileadh trom ann, fiù 's fad na mìosan nas tioraim, leis nach eil e idir fad air falbh bhon mhuir air an àirde an iar na h-Alba. 'S ann gu math stoirmeil 's a tha e agus bidh gailleannan ann fad na bliadhna. 'S e àite Cfb ann an sgèile Köppen-Geiger a th' ann an Sandhead.[10] Chan eil an t-sneachd idir pailt an seo. Tha diofar mhòr eadar am mìos as fhliche agus am mìos as tioraim: 56mm eadar an Cèitean (dìreach 62mm) agus an t-Samhain (119mm). Fad na bliadhna, bidh an teothachd ann am fiaradh mheadhanach: 11.5 °C.

Thumb
Remove ads

Còmhdhail

Chan eil seirbheis rèile ann. A dh'aindeoin sin, tha seirbheis bhus a' frithealadh a' bhaile:

Iomraidhean

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads