Santo Domingo (Antioquia)

From Wikipedia, the free encyclopedia

Santo Domingo (Antioquia)
Remove ads

‘S e baile meadhanach agus sgìre-riaghlaidh (Spàinntis municipio) ann an Antioquia, Coloimbia,[1] a th’ ann an Santo Domingo. Tha e suidhichte aig 1,975m os cionn ìre na mara agus 69km air falbh bho Mhedellín, prìomh-bhaile na roinne. Tha teodhachd meadhanach dhe 18˚ aige.[2] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1778.

Santo Domingo
Thumb Thumb
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Thumb
Sealladh air a' bhaile
Thumb
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Antioquia
Àirde 1638m
Co-chomharran 06 28' 15' Tuath
75° 09' 57' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 271 km²
Àireamh-shluaigh 11,567 (2005)
Dlùths 42.68/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile
Remove ads

Sluagh a' bhaile

Tha dìreach 2,199 duine nan tàmh anns a' bhaile fhèin, ach tha 11,567 uile gu lèir a' fuireach ann, a' gabhail a-steach na clachain thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[3] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[4] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid neo mòran nan daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns nam bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Santo Domingo, ach 1.4% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. 'S urrainn dhan 88.5% dhe na daoine ann an Santo Domingo leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh ach aig 19.3% nan dachaigh.[5]

Remove ads

Fèisean

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Santo Domingo. Chithear fèilltean Caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th’ ann fhathast,[6] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.

Clachain

  • Botero
  • Porce
  • Santiago
  • Versalles

Daoine Ainmeil

Iomraidhean

Ceanglaichean A-mach

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads