B’ e sgrìobhadair às an t-Suain a bha ann Selma Ottilia Lovisa Lagerlöf (IPA:/ˈsɛlma ʊˈtiːlɪa lʊˈviːsa ˈlɑːgərˌløːv/). Rugadh i ann an taigh mòr ris an canar Mårbacka anns a' bhaile Sunne ann an 1858 agus chaochail i an siud fhèin ann an 1940. Sgrìobh Lagerlöf a' chiad nobhail aice ann an Landskrona ann an 1881, nuair a bha i na tidsear. 'S e Nils Holgerssons underbara resa genom Sverige (Beurla: The Wonderful Adventures of Nils) an leabhair as ainmeile aice. B' e ise a' chiad bhean a bhuannaich an Duais Nobel ann an Litreachas riamh.[1] Fhuair i an duais anns a’ bhliadhna 1909.[2] B' ann a' filmeadh Gösta Berlings saga, a sgrìobh Lagerlöf ann an 1891, a thòisich Greta Garbo anns na filmichean.[3]
Quick facts 8. seat 7 of the Swedish Academy (en), Beatha ...
| Selma Lagerlöf |
|---|
 |
20 dhen Dùbhlachd 1914 - 16 dhen Mhàrt 1940 ← Albert Theodor Gellerstedt (en) - Hjalmar Gullberg (en) → |
| Beatha |
|---|
| Ainm slàn |
Selma Ottilia Lovisa Lagerlöf |
|---|
| Breith |
Östra Ämtervik church parish (en) , 20 dhen t-Samhain 1858 |
|---|
| Dùthaich |
An t-Suain |
|---|
| Ciad chànan |
Suainis |
|---|
| Bàs |
Östra Ämtervik church parish (en) , 16 dhen Mhàrt 1940 |
|---|
| Àite-adhlacaidh |
Östra Ämtervik cemetery (en) |
|---|
| Nàdar a’ bhàis |
adhbharan nàdarra (stròc) |
|---|
| Teaghlach |
|---|
| Athair |
Erik Gustaf Lagerlöf |
|---|
| Màthair |
Elisabet Lovisa Wallroth |
|---|
| Cèile |
no value |
|---|
| Bràithrean ⁊ peathraichean |
|
|---|
| Fine |
Lagerlöf family (en) |
|---|
| Foghlam |
|---|
| Foghlam |
Högre lärarinneseminariet (en) (1882 - 1885) |
|---|
| Cànain |
Suainis |
|---|
| Dreuchd |
|---|
| Dreuchd |
nobhailiche, sgrìobhadair litreachas cloinne, beatha-eachdraiche, neach-teagaisg, bàrd, sgrìobhadair, prose writer (en) , eadar-theangair agus fèin-bheatha-eachdraiche |
|---|
| Àitichean-obrach |
Stockholm |
|---|
| Obraichean comharraichte |
Gösta Berlings Saga (en) Nils Holgerssons underbara resa genom Sverige (mul) Jerusalem (en) |
|---|
| Duaisean a fhuaras |
|
|---|
| Ainmeachadh airson duaisean |
|
|---|
| Ballrachd |
An Acadamh Shuaineach Samfundet De Nio (en) Svenska hem |
|---|
| Creideamh |
|---|
| Creideamh |
Lutharanachd |
|---|
| Pàrtaidh poileataigeach |
Free-minded National Association (en) |
|---|
| IMDb |
nm0481248 |
|---|
|
selmalagerlof.org |
 |
Close