An t-Suain
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
Is e dùthaich ann an Lochlainn anns an Roinn-Eòrpa a tha anns an t-Suain.[1][2][3][4][5][6][7] Tha crìochan aige le Nirribhidh anns an iar agus le Suòmaidh anns an ear-thuath. Anns an iar tha a' Mhuir Baltach ann. Tha an t-Suain ceangailte ris an Danmhairg le drochaid ris an canar Öresundsbron. Tha an cuid as motha de na daoine (84%) a’ fuireach anns na bailtean mòra. Tha Stockholm na prìomh-bhaile.
Remove ads
Eachdraidh
Eadar 1397 agus 1523 bhuineadh an dùthaich dhan Aonadh Kalmar.[8] Chuireadh às do thràilleachd an seo ann an 1335.[9] Bha An t-Suain na pàirt Aonadh Nirribhidh agus An t-Suain gu ruige 1905.
Ged a tha an t-Suain neo-phàirteach gu eachdraidheil, rinn i còmhla ri Suòmaidh tagradh foirmeil airson ballrachd NATO ann an 2022 an dèidh dhan an Ruis a dh'ionnsaigh an Ucràin.[10]
Daoine ainmeil às an t-Suain
B’ e rannsaichear bith-eòlais às an t-Suain a bha ann an Carl Linnaeus. Tha e cliùiteach airson an t-siostam ainmeachaidh ris an canar tacsonamaidh. Rugadh Toomas Hendrik Ilves, ceann-suidhe Eastòinia, ann an Stockholm. Tha an cluicheadair ball-coise Henrik Larsson às an t-Suain. Bha e a' cluich anns an sgioba Celtic. 'S e sgrìobhadair ainmeil às an t-Suain a th' ann an Torgny Lindgren.
Seo cuid de na ceimigearan cudthromach:
- Johan August Arfwedson
- Svante Arrhenius
- Jöns Jacob Berzelius
- Hans von Euler-Chelpin, a fhuair an Duais Nobel ann an Ceimigeachd anns a' bhliadhna 1929.
- Alfred Nobel
Remove ads
Bailtean as Motha
Iomraidhean
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads