Seumas MacLathagain
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
B' e cruinniche, ministear agus seaplain anns an Fhreiceadan Dubh a bha ann an Seumas MacLathagain (Beurla: James McLagan).
Rugadh e ann an Lagan faisg air Baile Chloichridh ann an 1728. Bha e na oileanach aig Oilthigh Chill Rìmhinn agus ann an 1760 chaidh e na mhinistear ann an Àth Maol Ruibhe. An dèidh do bhith na sheaplain anns an Fhreiceadan Dubh eadar 1764 agus 1780, chaidh e na mhinistear ann am Blàr Athall. Chaochail e ann an 1805.[1]
Tha an cruinneachadh aige leis an Oilthigh Ghlaschu a-nis.[2] Tha bàrdachd le Iain Lom, Màiri nighean Alasdair Ruaidh agus Alasdair mac Mhaighstir Alasdair aige.
Remove ads
Iomraidhean
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads