Sir Robert Robinson

From Wikipedia, the free encyclopedia

Sir Robert Robinson
Remove ads

B' e ceimigear à Sasainn a bha anns an Ridire Robert Robinson (Chesterfield, 13 an t-Sultain 1886-Great Missenden, 8 an Gearran 1975).

Quick facts 48. President of the Royal Society (en), Beatha ...

Chaidh e dhan Oilthigh Mhanchester ann an 1902 is thòisich e a theusais fo W. H. Perkin, Jr ann an 1905. Chaidh e na Sgoilear an Taisbeanadh 1851 ann an 1907 is leas-òraidiche ann an 1909. Chruthaich Oilthigh Shydney ann an Astràilia cathair ùr anns a' cheimigeachd ann an 1912 is ghabh Robinson e nuair nach robh e ach 26 bliadhna a dh'aois. Rannsaich e olaichean eucalyptus an siud. Thill e a Shasainn ann an 1915 nuair a chaidh e na àrd-ollamh aig Oilthigh Liverpool. Aig àm a' Chogaidh Mhòir dh'obraich e còmhla ri British Dyes Ltd, is dh'imrich e dhan Oilthigh Huddersfield far an robh e na Stiùiriche Rannsachaidh, dhan Oilthigh Chill Rìmhinn ann an 1920 is thill e a Mhanchester ann an 1922. An dèidh do ghreis aig Colaiste Oilthigh Lunnainn eadar 1928 is 1930, dh'imrich e dhan Oilthigh Oxford agus chaidh e na àrd-ollamh Waynflete an dèidh Perkin a bhàsaich ann an 1929. Rannsaich e teòiridh na ceimigeachd fhàs-bheairteach an siud is dh'obraich e air phenicillin aig àm an Dàrna Chogaidh. An dèidh do chogadh stèidhich e an t-iris Tetrahedron an deach fhoillseachadh le Pergamon Press aig Robert Maxwell. Leig e a dhreuchd dheth sna 1950an ach sgrìobh e fèin-eachdraidh is leabhar-ionnsachaidh mu cheimigeachd fhàs-bheairteach còmhla ri E. D. Morgan a chaidh fhoillseachadh an dèidh a bhàis ann an 1975.[1]

Remove ads

Urraman

Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1947.[2] Bha e na cheann-suidhe a' Chomainn Cheimigeach eadar 1939 agus 1941.[3]

Iomraidhean

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads