Stendhal

From Wikipedia, the free encyclopedia

Stendhal
Remove ads

B' e ùghdar Frangach a bh' ann am Marie-Henri Beyle (23 Faoilleach 1783 - 23 Màrt 1842) neo Stendhal (IPA: stɑ̃dal) mar a b' fheàrr a dh'aithnichear e. Sgrìobh e tron chiad leth den 19mh linn. Sgrìobh e nobhailean, aistean agus leabhraichean air ealain agus eachdraidh.

Quick Facts auditor at the Conseil d'État (en), Consul of France (en) ...

Rugadh e ann an Grenoble air an 23mh latha dhen Fhaoilleach 1783 agus chaochail e ann am Paris air an 23mh latha dhen Mhàrt 1842.[1]

Sgrìobh e na nobhailean Le Rouge et le Noir (1830), La Chartreuse de Parme (1839) agus Lucien Leuwen (nach do chrìonaich e). Thathar dhen bheachd gu bheil a chuid bildungsroman (nobhailean ionnsachaidh) a cheart cho cudromach ris na sgrìobh Honoré de Balzac, Victor Hugo, Gustave Flaubert agus Émile Zola, seach gur e fear dhe na sgrìobhadairean Frangach a bu chliùitiche den 19mh linn a bh’ ann. Lorgaidh Stendhal “am fìoras, am fìoras searbh” anns na nobhailean aige, a sgrìobh e ann an nòs caomhnach dùinte, làn sgrùdaidhean eòlais-inntinn. 'S e sgeulachdan mu dheidhinn òganaich romansach beothail, làn faireachdainnean is leis a’ ghlòir na inntinn, a th’ anns a’ mhòr-chuid dhe na leabhraichean a sgrìobh Stendhal.

Chleachdadh e tòrr ainmean pinn, mar eisimpleir Louis-Alexandre Bombet et Anastase de Serpière a bharrachd air Stendhal agus Stendalis.[1][2] Thòisich e a’ sgrìobhadh leabhraichean air ealain mar L'Histoire de la peinture en Italie, (Gàidhlig: Eachdraidh a’ Pheantaidh anns an Eadailt), a nochd 1817 fon ainm 'Beyle'. Ach chleachd e an t-ainm “Mgr. Stendhal, oifigear eachraidh” (Fraingis: ”M. de Stendhal, officier de cavalerie”) san dearbh bhliadhna nuair a dh'fhoillsich e Rome, Naples, Florence.[3] Fhuair e an t-ainm pinn sin bhon bhaile Stendal anns a’ Ghearmailt, far an do rugadh Johann Joachim Winckelmann, àrc-eòlaiche, fear-eachdraidh agus aistear air cuspairean ealaine. Dh'fhuirich Stendhal faisg air a' bhaile sin eadar 1807 agus 1808 nuair a bha e a’ sùgradh Wilhelmine de Grisheim. Chuir e an litir H anns an ainm airson gum biodh coltas na bu Ghearmailtiche air, leis gu robh e ag iarraidh gum bìte ga fhuaimneachadh mar 'Standhal'.[4]

Bha e san Arm eadar 1800 agus 1802.[3] Chaidh e a dh'obair airson seirbheis chatharra na Frainge ann an 1810, agus ri linn sin, lean e Napoleon anns an Iomairt an aghaidh na Ruis ann an 1812.[3] Bha e uabhasach dèidheil air ealain agus air an Eadailt is rinn e tòrr tursan an siud.

Remove ads

Sgrìobhaidhean

Foillsichte rè a bheatha

Remove ads

Iomraidhean

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads