Ùranas (planaid)

From Wikipedia, the free encyclopedia

Ùranas (planaid)
Remove ads

Is Ùranas no Urànus (o Οὐρανός Sheann-Ghreugais tro Uranus Laideann) an t-seachdamh planaid on ghrian. Tha an treas rèideas planaideach as motha agus an ceathramh tomad planaideach as motha aige san rian-grèine againn. Tha stuthan Ùranais coltach ri stuthan Neaptuin, ach tha na stuthan ceimigeach aca diofraichte on fheadhainn aig na famhairean gasa nas motha, siud am Bliogh agus Satarn. 'S ann air an adhbhar seo gun cuir na h-eòlaichean "fuamhairean deighe" air Ùranas agus Neaptun gus an diofar eatorra is na fuamhairean gas a nochdadh. Tha àile Ùranais coltach ri feadhainn a' Bhliogh agus Satairn on a tha a' mhòrchuid dhe 'na hàidhdreaidean is hilium ach tha barrachd "deighean" aige mar uisge, amòinia agus methan cho math ri lorgan hàidhdrea-charbonan eile.[10] 'S e an t-àile planaideach as fhuaire sa rian-ghrèine a th' ann agus is 49 K (−224.2 °C) an teothachd as lugh agus tha breathan neòil iom-fhillte aige. Thathar dhen bheachd gu bheil an t-uisge pailt sna neòil as ìsle agus methan sna neòil as àirde.[10] Tha a' mhòrchuid dhe mheadhan Ùranais 'na dheighean is clach.[9]

Quick Facts Lorg, Chaidh a lorg le ...

Chan fhaicear Ùranas leis an t-siùil lom ach gu fann. Chaidh a lorg le William Herschel. 'S e planaid uaine/glas a tha ann.

Remove ads

Gealaichean Ùranais

Chaidh na gealaichean ainmicheadh air caractaran anns na h-obraichean William Shakespeare agus Alexander Pope.

Lorg William Herschel Oberon is Titania ann an 1787. Lorg William Lassell Ariel agus Umbriel, agus Lorg Gerard Kuiper a' choigeamh ghealach, Miranda, ann an 1948. Nuair a bha Voyager 2 air chuairt air Ùranas lorg e deich gealaichean eile: Juliet, Puck, Cordelia, Ophelia, Bianca, Desdemona, Portia, Rosalind, Cressida is Belinda.[13] Chaidh gealaichean a bharrachd a lorg le teileasgopan air Thalamh no ann an dealbhan bho Voyager 2: Caliban is Sycorax ann an 1997, Stephano, Prospero agus Setebos ann an 1999, Ferdinand, Francisco agus Trinculo ann an 2001 agus Mab, Cupid is Margaret ann an 2003.[14]

Remove ads

Ceanglaichean a-mach

  • Mac IllEathain, Iain: An Cruinne-Cè: 2023”, Naidheachdan a' BhBC. 20mh dhen Dùbhlachd 2023. Air a thogail 29mh dhen Dùbhlachd 2023. 
  • Mac IllEathain, Iain: An Cruinne Cè: Neamhnaid Fhuar”, Naidheachdan a' BhBC. 28mh dhen Dùbhlachd 2023. Air a thogail 29mh dhen Dùbhlachd 2023. 

Iomraidhean

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads