Helium
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
Is e eileamaid cheimigeach a tha ann an helium,[2] no hilium[3] no heillium[4] le samhla He agus àireamh atamach 2.
'S e gas uasal a tha ann is cha urrainn do dh'ataman helium iom-obrachadh còmhla ri ataman eile. Tha dà iosatòpaichean seasmhach aig helium, 3He is 4He. 'S e an iosatòp as cumanta anns a' chruinne-cè a tha ann an 4He.
Fo 2.7 K a theothachd tha helium-4 a' toirt na os-lionn. Tha e a' sruth gun lùth-suathaidh agus 's urrainn dha a theàrnadh à soithichean. Tha a' theothachd os-lionn de helium-4 nas àirde na helium-3 air sgàth 's gur e boson a tha ann an ataman de helium-4. Feumaidh ataman de helium-3 paidhreachadh mus do ghiùlaineas iad mar bhosonan air sgàth 's gur e fermionan a tha annta.
Remove ads
Eachdraidh
Ann an 1868 lorg dà reul-eòlaiche, Jules Janssen anns a' Fhraing agus Norman Lockyer ann an Sàsainn, loidhne ùr anns an speactram na grèine rè dubhraidh na grèine. Rinn iad a' bheachd-bharail gun tàinig an loidhne à eileamaid ùr. Tha an t-ainm "helium" a' dol às a' Ghreugach ἥλιος, a tha a' ciallachadh "grian".[5]
Ann an 1895 lorg dà cheimigear Suaineach, Per Teodor Cleve agus Nils Abraham Langlet, helium fhèin ann an clach-uranium.
Ann an 1908 rinn Heike Kamerlingh Onnes helium lionnach.
Remove ads
Cleachdadh
Cleachdar helium ann an sganairean MRI agus ann am bailiùnaichean.
Iomraidhean
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads