Whithorn

From Wikipedia, the free encyclopedia

Whithorn
Remove ads

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Baile na h-Ùige, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann an Whithorn (Laideann: Candida Casa).[4] Tha e suidhichte aig 30 m os cionn ìre na mara,[5] ann an ceann a deas Leth-eilean na Machrach, air an àirde an iar Dhùin Phris is Gall-Ghàidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975, eadar Port Rosnait agus Cille Chainneir. Tha e 305 km air falbh bho Obar Dheathain, 126 km bho Ghlaschu, 64km bho Dhùn Phris agus 126 km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[6] 'S e Beurla agus Beurla Ghallta a th' aig a’ mhòr-chuid dhiubh ann am Whithorn. Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, leabhraichean agus turasachd. Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil[7] ann ach feumar a dhol dhan àrd-sgoil ann am Baile Ùr nan Stiùbhartach. Tha Whithorn ainmeil air feadh an t-saoghail mar chreathal Chrìosdaidheachd ann an Alba.[8]

Whithorn
Thumb
Thumb
Suidheachadh
Thumb
Whithorn
Whithorn (Alba)
Dùthaich Alba
Comhairle Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh
Siorrachd Siorrachd Bhaile na h-Ùige
Parraist Whithorn fhèin[1]
Co-chomharran 54° 51′ 00″ Tuath
04° 28′ 00″ Iar
Comharradh-clèithe NX445405
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 867 (2001[2])
Àireamh fòn 01988
Còd-puist DG8[3]
Remove ads

Freumhan an ainm

Chleachd cuid de Ghàidheil na sgìrean t-ainm Hwiterne (Taigh Geal) sa Beurla agus Futarne anns a' Ghàidhlig. Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Bhaile na h-Ùige fhèin anns an 18mh Linn.[9] Thathar dhen bheachd gur ann à hvit (geal) a tha an t-ainm sa Bheurla.[10] Bheireadh sin Ros Geal dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh. Tha an t-ainm ann an Laideann a' measgachadh a' Ghàidhlig taigh (casa) agus a' Beurla hvit (candida).

Remove ads

Eachdraidh

Chaidh an t-àite seo a chlàradh le Ptolemy mar Leukopibia.[11] Chaidh an t-ainm ùr a chlàradh airson a' chiad turas mar St. Martin's Kirk of Quitherne ann an 1497.[12] Chuir Naomh Ninian bliadhnaichean seachad a' searmonachadh an seo Bha e na Bhorgh Rìoghail le dleastanasan riaghlaidh eadar 1855 agus 1930, nuair a chuireadh às dhan t-siostam.[13] Ràinig an rèile dhan bhaile ann an 1875, a thug piseach mòr air malairt san sgìre.[14]

Remove ads

Poileataigs

'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd Bhuirgh Rìoghail Whithorn a bhuineas Whithorn, a ghabhas a-steach an sgìre mu timcheall a' bhaile. Tha 961 duine a' fuireach san sgìre air fad.[15] Tha 14 comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre agus thathar a' cumail coinneamhan na Comhairle gach mìos ann Talla Choimhearsnachd na Machrach a Deas, ann am Whithorn. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 03 (Meadhan Ghall-Ghàidhealaibh) airson Comhairle na Roinne.[16]

Gnàth-shìde

'S ann ann an sgìre mòran nas blàithe (Cuibheasachd bhliadhnail: 8.3 °C) agus mòran nas fhliche (Cuibheasachd bhliadhnail: 1082mm) an coimeas ris an còrr dhen dùthaich 's a tha Whithorn. Tha sileadh uabhasach trom ann, fiù 's fad na mìosan nas tioraim, leis nach eil e idir fad air falbh bhon mhuir air an àirde an iar na h-Alba. 'S e àite Cfb ann an sgèile Köppen-Geiger a th' ann am Whithorn.[17] Chan eil an t-sneachd idir pailt an seo. Tha diofar mhòr eadar am mìos as fhliche agus am mìos as tioraim: 59mm eadar an Giblean (dìreach 62mm) agus an Dàmhair/an t-Samhain (121mm). Fad na bliadhna, bidh an teothachd ann am fiaradh mheadhanach: 11.8 °C.

Thumb
Remove ads

Daoine Ainmeil

Iomraidhean

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads