Winnie Ewing
neach-poileataigs à Alba From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
'S e neach-poileataigs à Alba a bha ann am Winnie Ewing. Tha i ainmeil air sgàth a buannaich airson nan Nàiseantach ann am frith-thaghadh Hamilton ann an 1967. Rugadh i mar Winifred Woodburn agus thogadh i ann an Glaschu agus bha i na h-oileanach aig Oilthigh Ghlaschu far an do dh'ionnsaich i lagh. Chaill i a seat ann an 1970 agus bhuannaich i Moireabh agus Inbhir Narann ann an 1974. Chaill i an seat seo ann an 1979.[1] Bha i na Ball-Pàrlamaid Eòrpaich airson na Gàidhealtachd agus nan Eilean eadar 1979 agus 1999 far an d'fhuair i am far-ainm Madame Écosse agus bha i na ball-liosta anns a' Phàrlamaid na h-Alba airson na Gàidhealtachd agus nan Eilean eadar 1999 agus 2003.[2][3]
Tha a mhac, Fergus Ewing agus a nighean, Annabelle Ewing, cuideachd nan luchd-poileataigs, agus bha a bean-mhic, Mairead Ewing, cuideachd na neach-poileataigs mus do chaochail i ann an 2006.[4] Chaochail i aig aois 93 anns an Ògmhios 2023.[5]
Remove ads
Ceanglaichean a-mach
- “Dr Winnie Ewing, former MP, Highlands and Islands, former MSP, Highlands and Islands”. They Work for You. Air a thogail 18mh dhen Iuchar 2023.
- Mhoireach, Nicole: “Seirbheis chuimhneachaidh Winnie Ewing (bhideo)”, Naidheachdan a' BhBC. 16mh dhen Iuchar 2023. Air a thogail 18mh dhen Iuchar 2023.
Iomraidhean
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads