Yitzhak Ben-Zvi
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
B' e sgrìobhadair, neach-poileataigs na làimhe clì agus eachdraiche à Iosrael a rugadh san Ucràin a bh' ann an Ben-Zvi, Yitzhak (Eabhra: יִצְחָק בֶּן־צְבִי, Ucràinis: Іцхак Бен-Цві, Poltava, 24 an t-Samhain, 1884 – Ierusalem, 23 an Giblean 1963).[1] Bhuinneadh e do theaghlach Iùdhach raidigeach: bha athair na neach-iomairt Sionach roimhe. An dèidh an sgoil fhàgail, rinn e saidheansan nàdarra fad bliadhna ann am Kyiv, ach dh’ fhàg e an oilthigh nuair a stèidhich e gluasad Sionach Marxach air an robh Poalei Tziyon, còmhla ri Ber Borochov.[2] Dh' fhàg e An Roinn-Eòrpa airson Palastain ann an 1935, far an robh e na cheannard air Poalei Tziyon nuair a bha am pàipear-naidheachd Der Anfang agus am feachd armach dìomhair Bar-Giora air an stèidheachadh. Chaidh a thaghadh na chomhairliche airson Ierusalem ann an 1931 agus chuir e ainm gu Dearbhadh Neo-eisimeileachd Iosrael ann an 1948.[3] A bharrachd air sin, bha e na bhall a' Phàrlamaid airson Mapai bho 1949 gu ruige 1952. B’ e ceann-suidhe na duthcha a bh’ ann bho 1952 gus a chaochail e ann an 1963 is esan 78 bliadhna a dh' aois aig an àm.[4]
Remove ads
Iomraidhean
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads