'S e Roinn (Suainis: län) na Suaine a th' ann an Östergötlands län (Suomais: Itä-Götanmaan lääni). Tha i na laighe ri eadar Loch Vättern agus Am Muir Baltach, ann am meadhan na dùthcha, gu deas air Örebro län agus Södermanlands län. 'S e Linköping a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1634. Sìnidh Östergötlands län fad 10,562km² agus tha 445,661 duine a' fuireach ann.[1] Le sin, 's e an 11mh roinn as motha na Suaine a thaobh talmhainn agus an ceathramh tè as motha a thaobh àireimh-sluaigh. 'S e Suainis tha ga bruidhinn an seo. Chan eil ach 15 sgìrean-riaghlaidh sa roinn seo, Linköping agus Norrköping nam measg.