From Wikipedia, the free encyclopedia
B' e sagairt a bh' ann an Eòghann MacEachainn (1769-1849) (Beurla: Ewen, Evan[1] MacEachen).
Eòghann MacEachainn | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Àrasaig, 1769 |
Dùthaich | Alba |
Foghlam | |
Foghlam | Oilthigh Valladolid sagartachd |
Cànain | Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | sgrìobhadair, sagart agus eadar-theangair |
Rugadh MacEachainn ann an 1769 ann an Àrasaig.[2] Fhuair e foghlam ann an Valladolid, An Spàinn gus a bhith na shagart.[2]
An uair a thill e a dh'Alba rinn e obair ann an grunn àitichean. Thog e a' chiad chaibeal ann an Laggan. Bu esan an sagart ann am Bràigh Mhàrr fad fichead bliadhna.[2] Chaochail e aig Tobae, Gleann Lìobhait ann an 1849.[2]
Tha MacEachainn aithnichte airson na sgrìobhaidhean a rinn air a' Ghàidhlig. Rinn e eadar-theangachaidhean air leabhraichean cràbhaich. Rinn e faclair Gàidhlig cuideachd a thàinig a-mach an clò ann an trì deasachaidhean.
Rinn e eadar-theangachadh air an Tiomnadh Nuadh a dh'fhàg e aig an t-Urramach Cailean Grannd, Srath Ghlais a rinn ùrachadh a bharrachd air agus dh'fhoillsich e ann an 1875.[2]
Chaidh a faclair fhoillseachadh 'son a' chiad uair ann an 1842 (ged a chaidh 1862 a chlò-bhualadh gu mearachdach air an leabhar fhèin).
Rinn MacEachainn taghaidhean air litreachadh na Gàidhlig a bha neo-àbhaisteach. Mar eisimpleir, litrich e gach facal a thòisicheas le sr mar str. Thug MacIlleBhàin & Whyte an atharrachadh sin a-mach às an fhaclair anns na deasaichean a rinn iad aig toiseach an fhicheadamh linn.[2]
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.