From Wikipedia, the free encyclopedia
Tha ficsean-saidheans na gnè litreachasail (rosg, film, bàrdachd, prògram-rèideo) a tha a-mach air beatha mhac-mheanmhach anns an àm ri teachd, stèidhichte air an Talamh no, gu tric, ann am fànas.
Tha diofar phuingean-tòiseachaidh airson an fhicsein-shaidheans air a bhith gan ainmeachadh tro na bliadhnaichean, nam measg an Ἀληθῆ διηγήματα (Sgeulachd Fhìor) le Lucian Shamosata (2na linn A.C.), sgeulachdan feallsanachail a leithid "Micromégas" le Voltaire (18mh linn), an nobhail Frankenstein le Mary Shelley (1818), air neo na nobhailean is sgeulachdan aig Jules Verne (1828-1905) agus H.G. Wells (1866-1946). San t-seagh mhodran, b' e an neach-deasachaidh Amaireaganach Hugo Gernsback a chleachd an toiseach an teirm "scientifiction", a dh'atharraich gu luath gu "science fiction". Mhìnich e an teirm mar a leanas:
Ge b' e cuin a thòisich a' ghnè, bho thoiseach an 20mh linn tha roinn an fhicsein-shaidheans air a bhith a' sìor-fhàs, agus tha iomadh seòrsa no "fo-ghnè" (subgenre) ann a-nis.
Sgeulaichean a tha a' toirt faire mhionaideach do chùisean teicneòlach agus saidheansail, leithid na h-obrach aig Isaac Asimov agus Arthur C. Clark.
Sgeulaichean a tha a-mach air a' bhuaidh shòisealta a thig le adhartas teicneòlach agus saidheansail, leithid nan nobhailean Nineteen Eighty-Four le George Orwell agus Brave New World le Aldous Huxley.
Sgeulaichean a-mach air beatha nan daoine àbhaisteach ann an saoghal èiginneach anns an àm ri teachd, coltach ris an fhiolm Blade Runner. Tha saibeir-punc na phòsadh dhe na faclan, "saibeirneataic" agus "punc".
Sgeulachdan stèidhichte anns na speuran, làn charactaran mòra gaisgeil ri gnìomhan deuchainneach, coltach ris na fiolmaichean Star Wars no na nobhailean aig Iain M. Banks.
Thòisich ficsean-saidheans a' nochdadh anns a' Ghàidhlig am meadhan an 20mh linn ann an Gairm, ann an cruth sgeulachdan goirid le Garbhan MacAoidh, Rob Shirley, Eilidh Watt, agus sgrìobhadairean eile. Sgrìobh Iain Mac a' Ghobhainn a' chiad nobhail ficsein-shaidheans, Iain am Measg Nan Reultan, ann an 1973, nobhail-cloinne mu thuras a' phrìomh-charactair thar an fhànais gu planaidean eile. Sgrìobh Aonghas Pàdraig Caimbeul nobhail dhiostòipeach stèidhichte san àm ri teachd, Là a' Dèanamh Sgèil Do Là, ann an 2004, agus an uair sin dh'fhoillsich Tim Armstrong an nobhail shaibeir-punc/opra-fànais aige Air Cuan Dubh Drilseach, a chaidh ainmeachadh mar "a' chiad nobhail ficsein-shaidheans sa Ghàidhlig", ann an 2013.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.