'S e Roinn (Suainis: län) na Suaine a th' ann an Jönköpings län (Suomais: Jönköpingin lääni). Tha i na laighe ri taobh Loch Vättern, ann am ceann a deas na dùthcha, gu deas air Östergötlands län agus Västra Götalands län. 'S e Jönköping a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1634. Sìnidh Jönköpings län fad 10,475km² agus tha 347,837 duine a' fuireach ann.[1] Le sin, 's e an 12mh roinn as motha na Suaine a thaobh talmhainn agus an siamh tè as motha a thaobh àireimh-sluaigh. 'S e Suainis tha ga bruidhinn an seo. Chan eil ach 13 sgìrean-riaghlaidh sa roinn seo, Jönköping nam measg.