From Wikipedia, the free encyclopedia
B' e ceimigear às an t-Suain a bha ann an Johan Gottlieb Gahn. Bha e ainmeil airson a thaisgealaidh mangaineis. Rugadh e ann an Voxnabruk, (Ovanåker) agus bha e na oileanach aig Oilthigh Uppsala.[1] Dh'obair e mar cheimigear airson Bòrd nam Mèinnean ann an Uppsala. Bha e cuideachd na bhall Pàrlamaid ann an 1778–1779 agus 1809–1810. Chuir e aithne air Jöns Jacob Berzelius ann an 1805 agus dh'obair iad ri chèile. Cheannaich iad, còmhla ri Hans Peter Eggertz, an fhactaraidh cheimigeach ann an Gripsholm. Lorg iad an-sin eileamaid ùr, selenium, ann an 1817.[2]
Johan Gottlieb Gahn | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Q10613561 , 19 dhen Lùnastal 1745 |
Dùthaich | An t-Suain |
Bàs | Falu Kristine church parish (en) , 8 dhen Dùbhlachd 1818 |
Teaghlach | |
Athair | Hans Jacob Gahn |
Màthair | Anna Maria Schulzen |
Bràithrean ⁊ peathraichean |
liosta
|
Foghlam | |
Foghlam |
Oilthigh Uppsala (19 dhen Ghearran 1754 - |
Stiùiriche an teusais | Torbern Bergman (en) |
Luchd-teagaisg | Torbern Bergman (en) |
Dreuchd | |
Dreuchd | ceimigear |
Ballrachd |
Acadamh Rìoghail Shuaineach nan Saidheansan Acadamh Bhavarianach nan Saidheansan is Daonnachdan |
B' e bràthair Carl Pontus Gahn, saighdear a ghabh an tiotal "af Colquhoun" nuair a chaidh uaisleachadh.[3]
Dh'ainmicheadh gahnait, ZnAl2O4, air.[4]
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.