![cover image](https://wikiwandv2-19431.kxcdn.com/_next/image?url=https://upload.wikimedia.org/wikipedia/commons/thumb/1/1d/Flag_of_Lleida.svg/langgd-640px-Flag_of_Lleida.svg.png&w=640&q=50)
Lleida
From Wikipedia, the free encyclopedia
‘S e baile mòr air an àirde an ear-thuath na Spàinne a th’ ann Lleida (Catalanais, IPA: 'ʎɛjðə) neo Lérida (Spàinntis, IPA: 'leɾiða). ‘S ann à Ilerda neo Iltirta bho na Ilergetes,[1] treubh Iberianach, a th’ann an t-ainm. Tha Lleida suidhichte shuas air a' chòmhnard àrd ann am meadhan Chatalòinia (Catalanais: Depressió Central),[2] aig 155m os cionn ìre na mara,[3] ri taobh na h-aibhne Segre.[4] Tha Lleida 394km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 127km bho Bharcelona, am baile as motha agus prìomh-bhaile Chatalòinia.[5] Tha 137,387 daoine a’ fuireach ann an Lleida,[6] an 7mh baile as motha ann an Catalòinia agus an 49mh baile na Spàinne.[7] A bharrachd air sin, ‘s e prìomh-bhaile na Roinne Lleida a th’ann Lleida cuideachd.
Lleida
| |||||
![]() | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | ![]() | ||||
Ceàrn | ![]() | ||||
Sgìre | ![]() | ||||
Co-chomharran | 41° 36' 50 Tuath 00° 37' 32 Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 211.7 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 137,387 (2010) | ||||
Dlùths | 648.97/km² | ||||
Àireamh fòn | + 34 973 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
![Thumb image](http://upload.wikimedia.org/wikipedia/commons/thumb/4/4a/Seu_Vella_gotisch-romanische_Kathedrale_1286-1431_Festung_1707_Tur%C3%B3_de_la_Seu_Vella_Lleida_L%C3%A9rida_Spanien_Ost_Foto_2017_Wolfgang_Pehlemann_DSC06840.jpg/640px-Seu_Vella_gotisch-romanische_Kathedrale_1286-1431_Festung_1707_Tur%C3%B3_de_la_Seu_Vella_Lleida_L%C3%A9rida_Spanien_Ost_Foto_2017_Wolfgang_Pehlemann_DSC06840.jpg)