'S e provincia na Spàinne a tha ann an Lleida (IPA: ʎɛjðə no ʎejðɛ, Spàinntis: Lérida). Tha e na laighe ann an Cataloinia, air an àirde an ear-thuath na dùthcha. 'S e Lleida a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh ionadail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach na Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Chatalòinia i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Lleida fad 12,172km²[3] agus tha 442,308 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an 18mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 33mh tè a thaobh àireamh-shluaigh. Tha crìochan aice le Barcelona, Huesca, Girona, Tarragona, Zaragoza, Andorra agus an Fhraing.[5] 'S e Catalanais, Ogsatanais agus Spàinntis a tha gam bruidhinn an seo.