'S e pàrtaidh a tha ag iomairt airson neo-eisimeileachd na h-Alba agus an aghaidh fèin-aithneachadh gnè a tha ann am Pàrtaidh Alba. Chaidh a stèidheachadh ann an 2021 le Laurie Flynn a bha na neach-aithris is rinn iomairt an aghaidh asbestos.[2]

Pàrtaidh Alba
Fiosrachadh
Stèidheachadh 2021
Luchd-stèidheachaidh Laurie Flynn
Beachd-Smuainealas An-Dràsda Neo-eisimeileachd
Oifisean 1 Lochrin Square, 92-98 Fountainbridge, Dùn Èideann, EH3 9QA.[1]
Cathraiche Ailig Salmond
Suidheachain Taigh an Ròid: 1. Westminster: 0
Riaghaltas Às an riaghaltas (2024)

Cha bhi am pàrtaidh a' seasadh air na liostaichean sgìreil anns an Taghadh Albannach 2021. Tha iad a' brosnachadh luchd-bhòtaidh a bhòt airson Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba airson na sgìre agus airson Pàrtaidh Alba fhèin air an liosta roinneil airson "sàr-mhòr-chuid" airson neo-eisimeileachd fhaighinn.[3]

Chaidh Ailig Salmond na cheannard[4] is chaidh dà BhP SNP aig Westminster, Coinneach MacAsgaill is Neale Hanvey, sa' phàrtaidh anns a' Mhàirt 2021.[5] Chaidh Ash Regan sa' phàrtaidh ann an 2023.[6]

Chaill a h-uile tagraiche an t-eàrlas aca ann an 2024.[7] Bha Coinneach MacAsgaill ann an 8mh àite ann an Alamhagh agus Inbhir Ghrainnse.[8]

Iomraidhean

Wikiwand in your browser!

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.

Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.