'S e provincia na Spàinne a tha ann an Zaragoza (IPA: θaɾaˈɣoθa). Tha e na laighe ann an Aragón, air an àirde an ear-thuath na dùthcha. 'S e Zaragoza a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach na Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Aragòin i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Zaragoza fad 17,275km²[3] agus tha 973,325 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an ceathreamh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 15mh tè a thaobh àireamh-sluaigh. Tha crìochain aice le Soria, Lleida, Teruel, Nafarroa, La Rioja, Guadajara, Tarragona agus Huesca.[5] 'S e Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo.