Albert Einstein

From Wikipedia, the free encyclopedia

Albert Einstein
Remove ads

B' e neach nàdar-fheallsanachd agus saidheans a bh'ann an Albert Einstein (Ulm, 14 am Màrt, 1879 - Princeton, 18 an Giblean 1955). Tha mòran den beachd gur e an duine is ealanta a bh' anns an 20mh linn agus ann an 1921 bhuannaich e an Duais Nobel ann am Fiosaigs airson a sheirbheisean do fhiosaigs teòirigeach.[1]

Quick facts ollamh, Beatha ...

Tha Einstein gu math ainmeil airson na beachdan aige mu solas, stuth, tarraing na talmhainn, fànas agus tìde a chuidich luchd-saidheans na rudan seo a thuigse na b' fheàrr. 'Se teòirig shònraichte na dàimheachd agus an teòirig choitcheann na dàimheachd a tha aca air na beachdan seo.

Bha Einstein air a bhreith ann an Ulm, Rìoghachd Württemberg 'sa Ghearmailt. 'S e Iùdhaich a bh' anns an teaghlach aige ach cha robh iad a cumail ris gu làidir agus chaidh Albert gu sgoil Caitligeach. Chan è oileanach uabhasach math a bh' ann agus bha gu leòr den bheachd gun robh e neo-thoinisgeil. Aon latha chaidh combaiste iùil-tharraingeach a thoirt dha agus fhuair e ùidh mòr ann an feuchainn ri tuigse ciamar a bhiathadh cumhachd do-fhaicsinneach a toirt air an dealg gluasad agus mar sin thoisich e ag ionnsachadh matamataigs agus saidheans.

Nuair a dh'fhàs e nas aosda chaidh e don sgoil anns an Eilbheis. An dèidh dha ceumnachadh fhuair e obair ann an oifis. Fhad 's a bha e ag obair an sin sgrìobh e na pàipearan is cudthromaiche aige a dhèanadh ainmeil mar neach-saidheans mòr. Fhuair e dotaireachd ann an 1905.

Ron toiseach a' Chiad Cogadh t-Saoghal ghluais e air ais dhan Ghearmailt agus fhuair e obair mar ceannard sgoil. Dh'fhuirich e ann am Berlin gun tàinig na Nàsachd gu cumhachd anns an riaghaltas nàiseanta. Bha na Nàsaich a' dèanamh casaid air Einstein agus ag ràdh gun robh e a feuchainn ri 'Jewish Physics' a dhèanamh agus bha luchd-saidheans Gearmailteach a' feuchainn ri na beachdan aige a bhreugnachadh. Ghluais e gu na Stàitean Aonaichte.

Troimh an Dàra Cogadh t-Saoghal b' e Einstein aon de na daoine a bha comhairliche gum bu chòir do na Stàitean Aonaichte boma atamach a dhèanamh mus b' urrainn do na Gearmailtich. Anns a' bhliadhna 1952 dh'fhaighnich pàrlamaid Israel dha a bhith na cheann-suidhe ach dhiùlt e.

Remove ads

Beatha phearsanta

Bha e pòsta aig Mileva Marić eadar 1903 is 1919 agus Elsa Löwenthal eadar 1919 is 1936.

Dh'ainmicheadh an eileamaid einsteinium air ann an 1955.

Iomraidhean

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads