Einsteinium

From Wikipedia, the free encyclopedia

Einsteinium
Remove ads

'S e eileamaid cheimigeach a tha ann an einsteinium le samhla Es agus àireamh atamach 99. 'S e actanach agus meatailt rèidio-bheò bog agus dlùth a tha ann. Tha an aidheon +3 as cudromaiche sa' cheimigeachd de einsteinium ach tha an cor ogsaideachaidh II ann cuideachd.

Quick Facts Clàr pillteach, Buadhan ...

Rinneadh caractarachd ri 19 iosatòpaichean de einsteinium. Tha 252Es, le leth-bheatha 471.7 laithean, as seasmhaiche.

Remove ads

Eachdraidh

Ann an 1952 lorg an sgioba Albert Ghiorso dà eileamaid ùr, einsteinium agus fermium, ann an sileadh niùclasach bho a' chiad dheuchainn boma haidridein. Chruinnicheadh an sileadh seo le pàipear-sìolaidh air itealain a bha ag itealaich tron neul spreadaidh. B' e einsteinium-253 le leth-bheatha 20.5 laithean a bha ann. Dh'ainmicheadh iad e air Albert Einstein.

Cleachdadh

Tha einsteinium fuadain agus glè thearc, mar sin chan eil cleachdaidhean ann air a shon.

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads